[go: up one dir, main page]

Jump to content

Sumo

O Uicipeid
An Gleacadair Sumo, Kitazakura; tilg an t-salainn, Kokugikan, An t-Sultain 2007.

'S e spòrs nàiseanta na Seapaine a th' ann an Sumo (相撲 sumō), ach tha an àireamh de neo-Iapanaich a tha measail air a' fàs. Chan e spòrs a-mhàin a th' ann, ach rud a tha làn eachdraidh, a tha a' gabhail a-steach traidiseanan 's deas-ghnàthan à dualchas fèisean an fhogharaidh. 'S iad na h-aon coltasan sònraichte Iapanach aig an Cearcall Sumo, agus a gheibhear aig, mar eisimpleir Taigh-cluich Kabuki, a tha a' tarraing daoine ris.

Bha Sumo ann bho shean, agus lorgar cunntasan air farpaisean Sumo anns na clàraidhean Iapanach as tràithe a tha maireann. B'e deas-gnàth taghairmeach a bh' ann bho thùs, a' buntainn do dh' ùrnaighean airson an fhoghair. Thàinig e gu bhith na spòrs amhairc rè ùine agus nochd Sumo proifeiseanta ann an linn Edo. Chaidh prìomh lann-amhairc Sumo, Kokugikan, a thogail ann an 1909, 's e na dhachaigh aig Comann Sumo Iapain, a stèidhicheadh ann an 1925. [1]

Chuir an Dàrna Cogadh às don linn a bu bhuidhe aig Gleacadh Sumo, agus Futabayama an yokozuna a bu mheasail aig an àm, ach choisinn e a chliù is a ghreadhnachas air ais a-rithist am feadh is a bha Iapan ga h-ath-bheothachadh fhèin an dèidh an cogadh a chall.

Dh'àrdaicheadh àireamh cho-fharpaisean nan 15 làithean gu sia tursan sa bhliadhna. Chuireadh air bhonn leasachaidhean eile mar cho-fharpais uile ri uile eadar stàballan ann an 1965.

Dòighean-gleacaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dithis ghleacadair a’ cur an aghaidh a chèile ann am meadhan doyō (àrd-ùrlar cearcallach), aig a bheil meadhan-thrastan de 4.55 meatairean. Sa chiad dol-a-mach, tha iad a’ coileanadh deas-ghnàth ron sabaid, ‘s iad gan cur fhèin ann an cruth eagalach, agus a’ sgapadh salainn glanaidh air a’ chearcall. Tha a h-uile sìon a’ mairsinn ceithir mionaidean aig a’ char as motha, do ghleacadairean aig àrd-ìre. Tha seo uile nam pàirt de thraidiseanan sumo, agus a-rèir choltais, ‘s e seo a tha gu sònraichte na thàladh mòr do dhaoine cèine. Tha tuilleadh air 70 dòighean eadar-dhealaichte ann gus sabaid a bhuannachadh, ach tha leth nan sabaidean air an glèidheadh le bhith a’ cur an cleachdadh nan dòighean gleacaidh as bitheanta, tsuki-, yori- agus oshi-. Tha gleacadairean air an ath-rangachadh an dèidh gach co-fharpais, a-rèir a’ chlàir glèidhte/caillte aca. Tha an rang as àirde, Yokozuna, air a bhith a’ buileachadh air tuilleadh air 60 daoine.[2]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Japan As It Is/日本タテヨコ;Ceathramh Eagran Dà-chànanach, foillsichte le Gakken
  2. Japan As It Is/日本タテヨコ;Ceathramh Eagran Dà-chànanach, foillsichte le Gakken