[go: up one dir, main page]

Jump to content

Falt ruadh

O Uicipeid
Bean ruadh.
"Accolade" le Edmund Blair Leighton. Ban-fhlath ruadh a' dèanamh ridire de saighdear uasal.

Tha ruadh dath an fhuilt a' ruith bho dubh-ruadh ri ruadh-bhuidhe neo bàn-ruadh.

Sgaoileadh Eachdraidheil

[deasaich | deasaich an tùs]
Radharc dlùth am fhuilt ruaidh

'S gruag ruadh air lorgadh as cumanta aig na crìochan an iar 's an ear na Roinne-Eòrpa nuadh. Ged tha gruag ruadh 'san t-àireamh-shluaigh nan daoine daonna comannaichte le luchd air theàrnadh bho na 'Ceiltich' (Albannaich 's na h-Èireannaich, 's urrainn do dubh-ruadh no gruag lì-ruadh ann an sluaighean Caucasach eil' air lorgadh a bhith. Th' an ionnsaigh nam Galatach na bliadhna 275 BC air chrìochnachadh le àireamh-shluaigh nan daoine ruadh 'san t-àireamh-shluaigh na Tuirce nuadh, cho math ri roinn nan daoine ruadh 'san Ioràn, mar a' mhuinntir Pàistiùn.

Tha sùilean gorma seach sùilean uaine aig a' chuid as motha nan daoine ruadh, 's air shealbhachadh an gine nam breac-mhìnidh bho na tuathan Ceilteach nan eileanan Bhreatainn. Tha gruag ruadh air lorgadh cuideachd ann an àiteannan cèin às na crìochan na roinne-Eòrpa, mar Seapan.

Tha an roinn as motha nan daoine ruadha de dùthaich sam bith 'san saoghal aig Alba, le gruag ruadh aig 13% an àireimh-shluaigh. Tha 40% nas fhaide nan Albannaich a' giùlain an gine na malairte, MC1R, a thig gu crìoch cho gruag ruadh. Bha clàraichte na Cruithnich, muinntir gun do shuidhich sgrìobhadairean na Linne Sìor-bhrìgheil na Mara Meadhanach san Tìr Chailleannach (Alba), le gruag ruadh aca. Tha an roinn dara as motha nan daoine ruadha nàdarra 'san saoghal aig Èireann, a' ruigheachd 10% nan luchd-àiteachaidh, ged 's e mì-thuigsinn gun robh ruadh a' chuid as motha nan Ceiltich; tha gruag dhorcha aig a' chuid as motha nan Èireannaich is nan Albannaich. [1] Bha àitheanta ri am gruag ruadh na h-ionnsaighich Lochlannach, a bhunaich nas anmoiche Baile Àtha Cliath [2]. [3]. Bha mòran daoine ruadha aig na Normanaich cuideachd.

Gruag ruadh air dualchas mòr-chòrdte

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e bean ruadh a bh' ann Ban-rìghinn Ealasaid I Shasainn, agus bha nòsail gruag ruadh fad na linne Ealasaid air Sasainn. Bha seo a' chùis cuideachd fad na riaghailte Òilibhear Cromail.

Ann an roinn nan dùthchannan Mohamadanach mar Pacastan, tha air chleachdadh heanna air gruag liathadh a thoirt fiamh ruadh soilleir dhi. [4]

Ach cho math ri a gaisge 's a maise, tha cuideachd gruag ruadh 'na cùis na fanaide. Mar eisimpleir, air a' Bhreatainn Mhòr agus Èireann, tha air uairibh an facal suarach "ginger minger" ("grànndachd ruaidhe", eadar-theangaichte gu garbh) air chleachdadh a thoirt dealbh air daoine ruadha. Tha earranta gu ìre bhig ri Èireann, An Rìoghachd Aonaichte, agus Astràilia an cleachdadh suarach an fhacail "ginger" (ruadh) agus 's e neo-aithnichte am bitheantas air Aimeireaga a Tuath.

Tha "gingerphobia" ("oillt-ruaidhe") air a dhèanamh aoir air àireamh nan gnìomhachaidhean an cian-fhuaime. Nochd an cleasaiche Breatannach Catherine Tate air sgeig maireannach air eadar-sgeul na The Catherine Tate Show nuair a bha i bruthte a lorgadh sòlas air daoine ruadha; bha air chleachdadh an cleachdadh suarach an fhacail "ginger" ("ruadh"), agus lethbhreith co-cheangailte, a thoirt dealbh air cuspair mun cuairt na cinneadachd agus claon-bhàigh air an eadar-sgeul "Ginger Kids" an South Park; agus dh'fhoillsich an cluich-àbhachd Bo' Selecta! aithriseach aoireil a ghabh a-staigh dealbh-magaidh an t-seinneadaire ruaidh Mick Hucknall de Simply Red, a' foillseachadh sealladh far a chuir luchd-iomraiteach (air chluiche leotha fhèin) dath ruadh air am gruag air là agus chaidh iad mun bheatha làitheil a' faighinn tàmailtean à daoine.

Air an làmh eile, th'ann roinn nan luchd gum beir dealbh orra fhèin cho redophiles (ruaidhe-mhiannaich). 'S toil leotha gu mòr daoine ruadha agus 's iad air tharrang gu drùiseach ri daoine ruadha. Mar le àraidh-mhiannachd sam bith, tha ann ìre caochaile ri gum cùm ruaidhe-mhiannach fosgarra am miann. Cuiridh roinn nan daoine leis a' ghruag ruaidh a-mhàin air a tarrang coimheach mothachail, tha nas dìoghrasaiche roinn eile, agus cumaidh iad air a' sgapadh an aire a-mhàin air daoine ruadha nàdarra do bhrìgh creididh iad gum bi coltasan corporra sònraichte air iarraidh aca, mar a' bhreac-sheunain, no craiceann geal nach ciaraich bhon ghrian. 'S tric a' chùis gun ciaraich no bànaich gruag ruadh gu h-amharcach fad an fhàis aosta nan daoine, a' fàs donn no bàn, agus stiùiridh roinn a cheangal gruag ruadh le ògalachd an iongantas seo, feart gu bheil am bitheantas air smaoineachadh a bhith coltas ion-mhiannaichte, gu h-àraidh am measg nam mnathan.

Dh'fhoillsich mòran lì-dhealbhadairean geasachd leis a' ghruag ruadh. Thàinig an ainm an datha "titian" à Titian, a lì-dhealbh gu tric mnathan ruadha. [5] Gabhaidh a-staigh lì-dhealbhadairean eile ainmeil air an daoine ruadha na Bràithreachas nan Ro-Raphaelich [6], Edmund Leighton, Modigliani [7], Gustav Klimt [8] agus Sandro Botticelli, an dealbh ainmeil, Breith Bheunais, a thae a' comharradh a' bhan-dia ùr-sgeulach, Bheunas, le gruag ruadh.

Gabhaidh a-staigh daoine ruadha ainmeile D.H. Lawrence, Woody Allen, Julianne Moore agus Ron Howard.

Saoileadh Eachdraidheil

[deasaich | deasaich an tùs]

'S falt ruadh air lorgadh as cumanta aig na crìochan an iar 's an ear na roinne-Eòrpa nuadh. Ged tha falt ruadh 'san t-àireamh-shluaigh nan daoine daonna comannaichte le luchd air theàrnadh bho na 'Ceiltich' (Albannaich 's na h-Èireannaich), 's urrainn do dubh-ruadh no falt lì-ruadh ann an sluaighean Caucasach eil' air lorgadh a bhith. Th' an ionnsaigh nan Galatach na bliadhna 275 BC air chrìochnachadh le àireamh-shluaigh nan daoine ruadh 'san t-àireamh-shluaigh na Tuirce nuadh, cho math ri roinn nan daoine ruadh 'san Ioràn.

Tha sùilean gorma seach sùilean uaine aig a' chuid as motha nan daoine ruadh, 's air shealbhachadh an gine nam breac-mhìnidh bho na tuathan Ceilteach nan eileanan Bhreatainn. Tha falt ruadh air lorgadh cuideachd ann an àiteannan cèin às na crìochan na roinne-Eòrpa, mar Seapan.

Seallaibh cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]