Prìosan
'S e togalach neo àite eile far a bhios daoine air an cumail ann an gainntireachd gun shaorsa o chionn 's gu bheil iad air an lagh a bhriseadh neo, ann an cuid a dhùthchannan, air adhbharan poileataigeach a th' ann am prìosan neo gainntir. 'S ann às an fhacal Fraingis prison a tha am facal againne.
Feartan Prìosain
[deasaich | deasaich an tùs]Bidh suidheachadh nam prìosan gu math eadar-dhealaichte bho dhùthaich gu dùthaich, ach seo na feartan nas àbhaistiche a leanas:
- Daoine cunnartach a chumail air falbh bho chàch.
- Bac a chur air eucoir.
- Ath-ionnsachadh a thoirt do eucoirich.
- Suidheachadh poileataigeach a chumail fo smachd an Riaghaltais.
- Daoine a chur fo chùram nam Poileas.
Stadastaireachd Eadar-nàiseanta
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir nam figearan, bha mu 9,5 muillean duine nam Prìosanach air feadh na cruinne ann an 2006.[1] Aig an ìre seo, 's e na Stàitean Aonaichte far a bheil an àireamh as àirde de dhaoine ann an gainntearachd, còrr is 2.19 muillean duine.[2] Ged nach eil ach beagan nas motha na 5% de na daoine san t-saoghal a' fuireach an siud, 's e 0.75% gu 1% dhuibh a tha sa phrìosan.[3] Ann an 2002 bha còrr is muillean duine sna prìosanan anns an Ruis agus Sìona.[4] Thuit na figearan airson na Ruise ann ceann ceithir bliadhna agus bha 869,814 ann an gainntearachd an siud ann an 2006, air neo 611 airson gach 100,000 san dùthaich.[5] Chaidh na figearan seo suas a-rithist ann an 2008 gu 891,738 duine, neo 629 airson gach 100,000 duine san Ruis.[6] Thuit iad a-rithist ann an 2010 gu 862,300 duine, neo 607 prìosanaich airson gach 100,000 duine.[7]
Stàitean Aonaichte |
An Ruis |
Seallann Nuadh |
Breatainn | Tìrean Ìsle |
Astràilia | Canada | A' Ghearmailt |
An Tuirc |
An Fhraing |
An t-Suain |
An Seapan |
Na h- Innseachan |
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
756 | 611 | 186 | 148 | 128 | 126 | 107 | 95 | 91 | 85 | 82 | 62 | 22 |