Falun
Falun
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Dalarna | ||||
Sgìre | Dalarnas län | ||||
Co-chomharran | 60° 36 26′ Tuath 15° 37 52′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 2,052.65 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 37,291 (2015) | ||||
Dlùths | 18.17/km² | ||||
Àireamh fòn | (+46) 23 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.lansstyrelsen.se/ |
‘S e baile meadhanach ann an cridhe na Suaine a th’ ann am Falun (IPA: fɑːlʉn). Tha e suidhichte ann an tairbeart eadar Loch Runn agus Loch Varpan,[1] anns an sgìre Dalarna,[2] 196km air falbh bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha, 139km bho Uppsala agus 387km bho Ghöteborg.[3] Tha 37,291 duine a' fuireach ann.[4]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à fal (Gàidhlig: achadh), a tha a' nochdadh ann an iomadh àite air feadh na Suaine, a tha an t-ainm.[5] 'S e co-dhàimh le polje ann am Polais, pelagos ann an Greugais, làn sa Ghàidhlig, llano ann an Spàinntis, polonýná ann an Ilyrianais agus piano san Eadailtis.[6]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh companaidh mhèinnean a stèidheachadh an seo ann an 1387 agus tha e fhathast a' dol. Chaochail an Ceimigear Johan Gottlieb Gahn ann am Falun ann an 1818.[7] Chaidh Oilthigh Dhalarna a stèidheachadh ann an 1977 le campas ann am Falun agus fear eile ann am Borlänge.[8]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Get a Map
- ↑ Michelin
- ↑ Distance Calculator
- ↑ SCB
- ↑ Runeberg
- ↑ Ståhl, Harry Ortnamn i Dalarna 1982, 15
- ↑ Riksarkivet
- ↑ Study in Sweden