[go: up one dir, main page]

Jump to content

Göteborg

O Uicipeid
Göteborg
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Ceàrn Bohuslän
Sgìre Västra Götalands län
Co-chomharran 57° 42 00' Tuath
11° 58 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 32.58 km²
Àireamh-shluaigh 526,054 (2012)
Dlùths 16,146.53/km²
Àireamh fòn (+ 46) 31
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S e baile[1] uabhasach mòr agus port[2] cudromach air an àirde an iar-dheas na Suaine a tha ann an Göteborg (IPA: /ʝøtəˈbɔrj/, Beurla: Gothenburg, Liotuànais: Geteborgas, Laideann: Gothoburgum). Tha e suidhichte air caolas air a bheil Kattegat, a sgarras an t-Suain bho Danmhairg, aig beul na h-aibhne Göta, aig 10m os cionn ìre na mara,[3] anns an roinn (Suainis: län) Västra Götaland,[4] 396km air falbh bho Stockholm (prìomh-bhaile na dùthcha), 191km bho Helsingborg, 244km bho Mhalmö, 409km bho Uppsala agus 1,035km bho Bhoden.[5] Chaidh Göteborg a stèidheachadh ann an 1621 leis an rìgh Gustavus Adolphus II,[6] agus tha an t-ainm a' ciallachadh Dùn nan Gotach sa Ghàidhlig. Tha 526,054 duine a' fuireach ann,[7] is 945,713 san sgìre air fad. 'S e a dàrna baile as motha na Suaine a tha ann cuideachd.[8] Tha Alba agus na Tìrean Ìsle air buaidh mhòr a thoirt air Göteborg fad na linntean tro mheadhan a' mhalairt[9] agus tha fiù 's sloinnidhean Albannach cumanta sa bhaile gus an latha an-diugh. 'S e an treas fear as aosta na dùthcha a th' ann Oilthigh Ghöteborg.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à gotn (Gàidhlig: gotach) agus borg (dùn) a tha an t-ainm.[10] Bheireadh sin Dùn nan Gotach dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh agus Gothenburgh sa Bheurla Ghallta. 'S e co-dhàimh leis A' Bheurla Ghallda burgh a th' ann am borg.

Bho 1867 gu ruige 1929 b' e Elfrida Andrée a bh' ann cluicheadair-orgain na h-àrd-eaglaise, a' chiad thè a fhuair an dreuchdan seo a-riamh.[11] Chaidh Oilthigh Ghöteborg a stèidheachadh an seo ann an 1891.[12] Chaochail an sgrìobhadair Henning Mankell an seo ann an 2015.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Svensk Geografi
  2. Göteborgs Hamn
  3. Mongabay
  4. Nationalencyklopedin
  5. Distance Calculator
  6. Svenska stadsmonografier – Göteborg, amanuens Otto Thulin & stadsbiblotikarie Paul Harnesk, Förlags AB Religion & Kultur, Meijels Bokindustri, Göteborg 1948 duilleag 40
  7. Statistika Centralbyrån
  8. Geonames
  9. Prestoungrange
  10. Runeberg
  11. Freeman, Theodor (1964). ”Domkyrkoorganisten Elfrida Andrée och hennes far”. Julboken till församlingarna i Göteborgs stift, 1964, 12-27. 0284-2076. ISSN 0284-2076. Libris 19228687
  12. Study in Sweden

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: