[go: up one dir, main page]

Jump to content

Yaoundé

O Uicipeid
Yaoundé
Suidheachadh
Dùthaich Camarun
Ceàrn Centre
Sgìre Mfoundi
Co-chomharran 03° 52 00' Tuath
11° 31 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 180 km²
Àireamh-shluaigh 1,430,000 (2005)
Dlùths 7,944.44/km²

'S e prìomh-bhaile Camarun a tha ann an Yaoundé (IPA: ja.un.deɪ). Anns a' bhliadhna 2005 bha 1,430,000 duine a' fuireach an seo. 'S e an dàrna bhaile as motha den dùthaich an-dèidh Douala. Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 733m os cionn ìre na mara.[1] 'S e seo an co-chomharran aige: 3°52′ Tuath agus 11°31′ Ear. Tha Yaoundé 786km air falbh bho Bangui (Poblachd Meadhan Afraga), 996km bho N'Djamena (An t-Siad), 728km bho Abuja (Nìgeiria), 450km bho Libreville (Gabon), 1,004km bho Khinshasa (Poblachd Dheamocrach na Congo) agus 303km bho Malabo (Gini Mheadhan-Chriosach).[2]

Chaidh Yaoundé a stèidheachadh le luchd-malairt Gearmailteach anns a’ bhliadhna 1888. An dèidh an Cogadh Mòr bha Yaoundé na phrìomh-bhaile ann am French Cameroon. Tha am port-adhair Yaoundé Nsimalen International Airport faisg air a’ bhaile, agus tha Yaoundé ceangailte le rathad-iarainn gu Douala ‘sa deas agus gu N'Gaoundéré ‘sa tuath.

Bailtean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mongabay
  2. Distance Calculator
  3. All Africa
  4. Comhairle Bhaile Udine[dead link]
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: