[go: up one dir, main page]

Jump to content

Mbabane

O Uicipeid
Mbabane
Suidheachadh
Dùthaich Dùthaich nan Suasaidh
Ceàrn Hhohho
Co-chomharran 26° 19 00' Deas
31° 08 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 61,794 (2010)
Àireamh fòn + 268 2
Duilleag oifigeil http://www.mbabane.org.sz

'S e prìomh-bhaile Dùthaich nan Suasaidh a tha ann am Mbabane. Anns a’ bhliadhna 2003 bha mu 70,000 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha e suidhichte air bruach Abhainn Mbabane anns na Beanntan Mdimba. 'S e seo an co-chomharran aige: 26° 19’ Deas agus 31° 08’ Ear. Tha Mbabane 305km air falbh bho Phretoria (Afraga-a-Deas), 490km bho Mhaseru (Leasoto) agus 150km bho Mhaputo (Mòsaimbic).[1] Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, aig 1,156m os cionn ìre na mara.[2]

Dh’fhàs am baile nas motha, nuair a dh’imrich an t-ionad rianachail bho Manzini gu Mbabane ann an 1902. Tha mèinnean cudthromach le stàin agus iarann faisg air a’ bhaile. Tha roinn na turasachd gu math làidir cuideachd. Tha am Waterford-KaMhlaba United World College suidhichte ann am Mbabane.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Distance Calculator
  2. Mongabay
  3. Sister Cities International
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: