[go: up one dir, main page]

Jump to content

Pàpa

O Uicipeid
Tha Pàpa Frangan am Pàpa làithreach

'S e am Pàpa neo Pàp (Laideann: papa, Greugais: πάππας, a tha a' ciallachadh athair sa Ghàidhlig)[1] an stoidhle a tha air Easbaig na Ròimhe, agus ceannard den Eaglais Caitligeach. Is aithne don Eaglais Chaitligeach trì rang den mhinistrealachd òirnte, neo sagartachd. 'S iad, diacon, sagart agus easbaig. 'S e easbaig an rang as àirde den sagartachd. 'S e inbhe Easbaig na Roimhe am measg nan easbaigean eile ach "a' chiad am measg co- ionnanaich". Tha seo a' leantainn bho thraidisean na h-Eaglaise gun robh Peadar, Abstol (Greugais: ἀπόστολος) a dh'òirn Ìosa Crìosd a fhèin a bhi cìobair do na caoraich (i.e. treòraich an luchd-leanmhainn as dèidh a cheusadh), na chiad Easbaig de Roimhe. Mar sin tha dleastanas Pheadair a' tuiteam air am fear a tha na h-ionad. 'S e an ceannard creideimh as cudromaiche san t-saoghail a tha anns a' Phàpa – tha an àireamh de Chaitligeach nas motha na Ioslam.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Elwell, Walter A. (2001). Evangelical Dictionary of Theology. Baker Academic. duilleag. 888. ISBN 978-0-8010-2075-9