[go: up one dir, main page]

Jump to content

Stuttgart

O Uicipeid
Stuttgart
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Stuttgart
Sgìre Baden-Württemberg
Co-chomharran 48° 46 43' Tuath
09° 10 46′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 207.36 km²
Àireamh-shluaigh 606,588 (2010)
Dlùths 2,925.29/km²
Àireamh fòn +49 0711
Duilleag oifigeil http://www.stuttgart.de

'S e baile uabhasach mòr ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann Stuttgart (IPA: 'ʃtʊtɡaɐ̯t, Swabiche: Schturget). 'S ann às an t-seann Ghearmailtis stuotgarten, a tha a’ ciallachadh gàrradh nan each anns a’ Gàidhlig, a th’ ann an t-ainm.[1] Tha e suidhichte aig 245m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Neckar, anns an stàit Baden-Württemberg agus ‘s e prìomh-bhaile na stàite a th’ ann cuideachd. Tha am baile 512km air falbh bho Bherlin, 195km bho München agus 161Km bho Zürich, thall anns An Eilbheis.[2] Tha 606,588 dhe dhaoine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin, leis gur e an 6mh baile as motha na dùthcha[3] agus tha mu 2.7 muillean anns an sgìre mu thimcheall a’ bhaile.[4] Tha na Beanntan Jura, an Coille Dhubh (Gearmailtis: Schwarzwald) agus gàrraidhean fìona uile air iomall a’ bhaile.

Chaidh Stuttgart a chlàradh airson a’ chiad turas ann an sgrìobhainn eaglaiseil ann an 1160, ach thathar dhen bheachd gu robh daingneach Ròmanach ann aig àm Ìosa agus treubhan dhe Alemani an dèidh sin cuideachd.[5] Chaidh Oilthigh Hohenheim a stèidheachadh anns a’ bhaile ann an 1818, Oilthigh Stuttgart ann an 1826 agus Sgoil a’ Chiùil Stuttgart ann an 1857. B' e prìomh-bhaile Rìoghachd Württemberg eadar 1816 agus 1918 a bh' ann.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Stuttgart Geschichte
  2. Distance Calculator
  3. Bailtean as motha na cruinne
  4. Region Stuttgart
  5. Daniel Kirn (2007). Stuttgart – Eine kleine Stadtgeschichte. Sutton. ISBN 978-3-86680-137-0.
  6. Urząd Miasta Łodzi
  7. SisterCities
  8. Ville de Strasbourg

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]