[go: up one dir, main page]

Jump to content

Sreath nan actanach

O Uicipeid

Tha còig eileamaidean deug ann an sreath nan actanach, bho actinium do lawrencium.

Chan eil iad cho choltach ri chèile is rin sreath nan lantanach air sgàth 's gu bheil barrachd na trì eileagtronan deiseil do gach atam airson ceimigeachd ann an iomadh actanach, ach tha na h-atam-chuairtean 5f cudromach anns an ceimigeachd. Tha gach actanach rèidio-bheò. Cleachdar uranium agus plutonium ann am bomaichean niùclasach agus ann an stèiseanan-cumhachd niùclasach.

Lorgar actinium, torium, protactinium agus uranium anns an Talamh. 'S ann fuadain a tha na h-actanach eile.

Feartan atamach

[deasaich | deasaich an tùs]

Mar na lantanaich, tha na ataman nan actanach nas truime nas lugha air sgàth 's gu bheil a' cumhachd-thàlaidh on niùclas nas treasa.

Feartan ceimigeach

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha na actanaich a' cruthachadh salainn aidheonach agus lorgar iad san talamh mar sin. Tha an aidheon 3+ cudromach airson na h-actanaich ach is urrainn do chuid den actanaich chruthachadh aidheonan eile.