[go: up one dir, main page]

Jump to content

Haugh of Urr

O Uicipeid
Haugh of Urr/The Hauch

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 54° 58' 41 Tuath
03° 52' 05 Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 228 (1971)
Àireamh fòn 01556
Duilleag oifigeil Fiosrachadh mun pharraist

'S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba, a th' ann an Haugh of Urr (A' Bheurla Ghallda: The Hauch). Tha e suidhichte aig 36m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chùithbeirt ro 1975), eadar Caisteal Dhùghlais agus Lochfoot, ri taobh an Uisge Urr. Tha e 20km air falbh bho Dhùn Phris agus Cille Chùithbeirt, 6km bho Dhail Beithich agus 140km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Bha dìreach 228 duine a’ fuireach anns a' bhaile ann an 1971,[3] agus 's e Beurla/Beurla Ghallda a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Haugh of Urr. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air turasachd, àiteachas, gu h-àraidh coilltearachd, gnothaich a' chruidhe, a' chaorach agus iasgach bradain.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à halh[4] (Gàidhlig: cluain-aibhne) ann an seann Bheurla 's a tha Haugh agus gur ann à or (Gàidhlig: oir) ann an Cuimris 's a th' ann an t-ainm. Tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan theòiridh seo. Ghabhadh sin Cluain Abhainn na h-Oire dhuinn sa Gàidhlig. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[5]

Chaidh uchdan-ùir a thogadh faisg air làimh eadar 1130 agus 1160, air a bheil Motte of Urr (Gàidhlig: staing), a chaidh a leigeil agus ath-thogail ann an 1174.[6] Ann an 1763 chaidh rathad a chruthachadh leis an arm eadar Port Phàdraig agus Cathair Luail, a dheidheadh tro Haugh of Urr.[7] Bhathar ag iarraidh an rathad seo a chleachdadh airson Èirinn a cholonachadh. Thog an t-ailtire P. MacGregor Chalmers eaglais an seo ann an 1914.[8]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Elevation Map
  2. Distance Calculator
  3. Scottish Places
  4. DSL
  5. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  6. Canmore
  7. Old Roads of Scotland
  8. History, The Parish of Urr, David Frew, Published by Thomas Fraser, Dalbeattie, 1909