[go: up one dir, main page]

Jump to content

Bistrița

O Uicipeid
Bistrița
Beszterce
Bistritz
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Bistrița-Năsăud
Co-chomharran 47° 08 28' Tuath
24° 30 27' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 145.47 km²
Àireamh-shluaigh 75,076 (2011)
Dlùths 516.09/km²
Àireamh fòn +40 02 63
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile eadar Baia Mare agus Târgu Mureș, ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann am Bistrița (IPA: ˈbistrit͡sa, Ungairis: Beszterce, IPA: ˈbɛstɛrt͜sɛ, Gearmailtis: Bistritz/Bästerts). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Bistrița fhèin, aig 365m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Bistrița-Năsăud. Tha 75,076 duine a' fuireach ann.[1]

'S ann às an fhacal bystrica (Gàidhlig: sruth luath) ann an Slabhais 's a tha ainm a' bhaile.[2] Bhuinneadh an t-àite dhan roinn Ròmanach Dacia. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1241 mar Markt Nosa anns an Codex Echternach. Nuair a dh' iarr Rìgh na h-Ungair air na Sagsannaich gun gabhadh iad còmhnaidh ann an Transsilvania anns na meadhannan aoisean, stèidhich iad seachd bailtean daingnichte, Bistrița nam measg. 'S e an adhbhar a chanar Siebenbürgen (Gàidhlig: seachd caistealan) ri Transsilvania ann an Gearmailtis.[3] Bhuinneadh am baile dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1541 gu ruige 1699.[4] Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1922, nuair a ghabh Romàinia os làimh e.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Institutul Național de Statistică.
  2. Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
  3. Harald Roth: Kleine Geschichte Siebenbürgens. Böhlau, Köhln/Weimar/Vienna, 2003.
  4. Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung], Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde Heidelberg, 2002.