[go: up one dir, main page]

Jump to content

Calbhanaich

O Uicipeid

Seo an còig bun-bheachdan Chalbhnaich, air ainmeatach às Jean Calvin:

1. Adhnair buileach

[deasaich | deasaich an tùs]

Leis a' pheachadh do ar ceud sinnsear, Adhamh agus Eubha, thuit iad o 'n ceud fhìreantachd, o 'n co-chomunn ri Dia, mar sin dh'fhàs iad marbh ann am peacadh, agus truaillidh gu h-iomlan, ann an uile bhuadhaibh an anama, agus ann an uile bhuill an cuirp. Do bhrìgh gu 'm b'iadsan Freumh a chinne-dhaoine uile, bha ciont a' pheacaidh seo air a mheas, agus am bàs ceudna 's a' pheacadh agus anns an nàdur thruaillidh, air iomchar a dh'ionnsuidh an sliochd uile a tha teachd uatha tre ghinealaich ghnàthaichte. O 'n truaillidheachd cheudna seo, leis am bheil sinn gu tur air ar cur o ghleus a chum aon nì maith, air ar dèanamh neo-chomasach maith air bith a choimhlionadh, agus air ar suidheachadh 'n a aghaidh, air ar n-aomadh gu h-iomlan chum an uilc, tha na h-uile peacadh gnìomha a' teachd.

2. Taghadh neo-chùmhnantach

[deasaich | deasaich an tùs]

Trid òrduigh Dhé, chum foillseachadh a ghlòire, tha cuid éigin do dhaoinibh, agus do ainglibh, air an roimh-òrduchadh chum na beatha suthain, agus cuid eile air an roimh-òrduchadh chum a' bhàis shìorruidh. Iadsan a ta air an tagh-òrduchadh roimh làimh chum beatha, rinn Dia roimh thoiseach an t-saoghail, do rèir comhairle dhìomhair a ruin shìorruidh, agus neo-chaochlaideich, agus do rèir comhairle dhìomhair agus gean maith a thoile féin, an taghadh ann an Crìosd chum glòire shìorruidh, o a shaor-ghràs agus a ghràdh féin, gun roimh-shealladh air creidimh, no deagh oibre, no air buan-mhaireachduinn ann an aon dhiubh, no air aon nì eile 's a' chreutair, mar chumhachaibh, no mar aobharaibh, 'g a bhrosnachadh chuige so; agus so uile chum cliù a ghràis ghlòrmhoir.

3. So-réite sònraichte

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha na h-ainglean agus na daoine so a bha air an roimh-thagadh agus air an roimh-òrduchadh mar so, air an comharachadh fa leth, agus gu neo-chaochlaideach, agus tha 'n àireamh cho cinnteach, agus cho sònraichte, 's nach feudar a mheudachadh, no a lughdachadh. Nuair an Tìghearna I^osa Crìosd a chur bàs air ann chrann-cheusaidh, meòmhraich E an roimh-thagadh phobull gu dearbh fhéin seadh.

4. Ghràs éifeachdach

[deasaich | deasaich an tùs]

Na daoine sin uile a chaidh a roimh-òrduchadh le Dia chum beatha, agus iadsan a-mhàin, is toil leis 'n a àm òrduichte agus taitneach an gairm gu h-éifeachdach, le 'fhocal agus le a Spiorad, o 'n staid pheacaidh agus bàis anns am bheil iad a thaobh nàduir, chum gràis agus slàinte trid I^osa Crìosd; a' soillseachadh an inntinn, gu nithe Dhé a thuigsinn gu spioradail agus gu slàinteil; a' tabhairt crìdhe cloiche uatha, agus a' tabhairt crìdhe feòla dhoibh; ag ath-nuadhachadh an tòile, agus le a neart uile-chumhachdach a' tabhairt orra socruchadh air an nì a ta màith, agus 'g an tarruing gu h-éifeachdach gu I^osa Crìosd: gidheadh is ann air chor 's gu bheil iad a' teachd gu ro shaor, air dhoibh a bhi air an dèanamh deònach le a ghràs. 'S ann a-mhàin o ghràs saor agus sònraichte Dhé a ta a' ghairm éifeachdach, 's cha 'n ann o ni 's am bith a chunnacas roimh-làimh 's an duine, neach a ta gu h-iomlan air a chur fuidh chùmhachd innte, gus am bheil e, air dha bhi àth-bheothaichte agus àth-nuadhaichte leis an Spiorad Naomh, air a dhèanamh comasach a' ghairm so a fhreagradh, agus an gràs a ta air a thairgseadh agus air ìomchar innte, a dhlùth-ghabhail d' a ionnsuidh féin.

5. Am bhuan-mhaireachduinn nan naomh

[deasaich | deasaich an tùs]

Chan fheudar leo-san ris an do ghabh Dia gu taitneach 'n a Mhac ionmhuinn, agus a ghairm e gu h-éifeachdach agus a naomhaich e le a Spiorad, tuiteam gu h-iomlan agus gu crìochnail o staid nan gràs; ach buan-mhairidh iad ann gu ruig a' chrìoch, agus bidh iad air an sàbhaladh gu sìorruidh. Chan i an saor-thoil féin, is bunchar do bhuan-mhairreanachd so nan naomh, ach neo-chaochlachd òrduigh an Taghaidh, a ta sruthadh o ghràdh saor, agus neo-chaochlachd Dhé an Athar; éifeachd toillteanais agus eadar-ghùidhe I^osa Crìosd; còmhnuidh an Spioraid, agus sìol Dhé an taobh stigh dhiubh; agus nàdur co-cheangail nan gràs: agus uatha so uile, tha dearbhachd agus neo-thuiteamachd am buan-mhaireachduinn a' teachd.

Air an làmh eile, seo an còig bun-bheachdan dh'Arminianaich, air ainmeatach bho Seumas Arminius (Jacobus Arminius):

1. An saor-thoil nan daoine

2. Taghadh chùmhnantach

3. So-réite uile-choitcheann

4. Gràs ioma-chumhann

5. Tuiteam as gràs