Marseille
Marseille
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Fhraing | ||||
Ceàrn | Bouches-du-Rhône | ||||
Sgìre | Provence-Alpes-Côte d'Azur | ||||
Co-chomharran | 43° 17' 47 Tuath 05° 22' 12 Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 240.62 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 859,543 (2007) | ||||
Dlùths | 3,572.2/km² | ||||
Àireamh fòn | ++ 0491 neo 0496 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.marseille.fr |
'S e baile mòr agus port ann an ceann a deas na Frainge a th’ ann am Marseille (IPA: maʁsɛj, Ocseadanais: Marselha, IPA: maʀˈsejɔ). 'S ann às a’ Ghreugais Μασσαλία a tha an t-ainm. Tha am baile suidhichte aig 54m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na mara Meadhanach.[2] aig inbhir na h-Aibhne Rhône, anns an Sgìre (Fraingis: Département) Bouches-du-Rhône anns an Roinne (Fraingis: Région) Provence-Alpes-Côte-d'Azur. Tha na Eileanan Frioul ri beulaibh a’ bhaile.[3] Tha Marseille 758km air falbh bho Rouen, 156km bho Nice, 506km bho Bhordeaux agus 662km bho Paris, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Tha 859,543 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[5] an dàrna baile as motha anns an dùthaich.[6]