Teodor Bordeianu
Coltas
Teodor Bordeianu | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Marșenița, 16 dhen Ghearran 1902 |
Dùthaich | Romàinia |
Bàs | Bucharest, 19 dhen Mhàrt 1969 |
Dreuchd | |
Dreuchd | agronomaiche |
B' e neach-teagaisg oilthigh, ollamh, eòlaiche-mheasain agus eòlaiche-àiteachais Ucràineach/Sobhiatach/Romàineach a bh' ann an Teodor Bordeianu (Marșenița, 16 an Gearran 1902 - Bucharest, 19 am Màrt 1969).[1] Rugadh e ann an sgìre dhùthchail air an àirde an iar na h-Ucràine far a bheil Romàinis ga bruidhinn. Thug e ceum ann an Àiteachas às an Àrd-sgoil Àiteachais Herăstrău ann an 1925.[2] An dèidh sin speisealaich e ann am measan, glasraich agus gnothachas nam measan thall am Berlin, eadar 1925 agus 1926. Bha e na ollamh ann an Dàimh an Àiteachais san Oilthigh Bhucharest bho 1941 gu ruige 1958. A thuilleadh air sin, bha e bhall Academia Română (Gàidhlig: Acadamaidh Romàineach) bho 1963, gus a chaochail e ann an 1969.[3]
Obair
[deasaich | deasaich an tùs]- Cultura castanului comestibil (Cultar castan a ghabhas ithe, 1955).
- Regiunile pomicole din R. S. România cu premizele pentru dezvoltarea în perspectivă (Roinnean airson Mheasain ann an S.P. Romàinia a Ghabhas ri leasachaidh san Àm ri Teachd, 1956).
- Ţara livezilor (Tìr nan ubhal-ghortan, 1968).