[go: up one dir, main page]

Jump to content

Tanabata

O Uicipeid
Fèis Thanabata ann an Tokyo, 2010

Is e fionnsgeul agus fèis Iapanach a th' ann an Tanabata (七夕?, a' ciallachadh "An t-Seachdamh Oidhche"). Theirear Fèis na Rionnaige no Fèis a' Bhreabadair rithe cuideachd, agus tha i air a cumail air an t-seachdamh latha dhen Iuchar. A-rèir an fhionnsgeòil, bidh na diathan Orihime (air a riochdachadh leis an rionnag Sgleòdhag) agus Hikoboshi (Leisgeag Ìosal) a' coinneachadh uair sa bhliadhna aig Sgrìob Chloinn Uisnich, mas e oidhche shoilleir a bhios ann. Bidh clann ga comharrachadh air an 7mh latha den Iuchar, a' crochadh an guidhean sgrìobhte ri geugan bambù, agus a' sgeadachadh àitean le origami.