[go: up one dir, main page]

Jump to content

Rafael Urdaneta

O Uicipeid
Rafael Urdaneta
member of the Chamber of Deputies of Venezuela (en) Translate

Beatha
Ainm slàn Rafael José Urdaneta Farías
Breith Maracaibo, 24 dhen Dàmhair 1788
Dùthaich  A' Bheiniseala
Bàs A' Bheiniseala, 23 dhen Lùnastal 1845
Àite-adhlacaidh Panteon Nacional (en) Translate
Teaghlach
Cèile Dolores Vargas París (en) Translate  (31 dhen Lùnastal 1822 -  unknown value)
Clann
Foghlam
Foghlam Colegio Mayor de San Bartolomé (en) Translate
St. Bartholomew Major College (en) Translate
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, dioplomat agus luchd an airm
Ìre oifigeach coitcheann
Creideamh
Creideamh Caitligeach na Ròimhe

B’ e saighdear, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia agus A' Bheiniseala a bh’ ann an Rafael José Urdaneta y Faría (Maracaibo, 24 an Dàmhair 1788Paris, 23 an Lùnastal 1845).[1] Bha e na cheann-suidhe Coloimbia Mòire eadar 5 an t-Sultain 1830 agus 3 an Cèitean 1831 agus na Mhinistear na Dìona anns A' Bheiniseala dà thuras. Buineadh Uradenta do theaghlach Uachdaran le freumhan anns An Spàinn agus bha e an lùib ag obair às leth teaghlach rìoghail na Spàinne anns a’ chiad dol a-mach. An dèidh Gairm na Neo-Eisimeileachd ann am Bogotá ann an 1810, ghabh Urdaneta ri feachdan na Neo-Eisimeileachd agus dh’fhàs e a bhith na chomhairliche gu math dlùth air Simón Bolívar.[2] Bha e cuideachd na sheanailear san Arm aig Bolívar. Chuir Urdaneta a làmh gu Còrdadh na Sìthe Apulo.[3] Bha càirdeas fad às aige do Roberto Urdaneta Arbeláez, a bha na cheann-suidhe eadar 1951 agus 1953.[4]

Phòs e aig Dolores Vargas Paris à Bogotá ann an 1822 agus rug i 11 duine-cloinne dha. B’ e boireannach gu math ainmeil a bh’ innte.[5] B’ fheudar dhaibh an dùthaich fhàgail ann an 1831. Chaidh Urdaneta ainmeachadh Ministear na Dìona ann an Coloimbia Mhòr, agus b’ e ceann-suidhe na stàite a  bh’ ann mus do bhris na dùthcha si às a chèile. Bha e cuideachd na Mhinistear na Dìona thall anns A' Bheiniseala ach, mu dheireadh thall, b’ fheudar dha na dùthaich fhàgail agus chaochail e na fhògarrach thall san Fhraing.[6] A dh’aindeoin seo, leig e dìleab mòr an dà chuid do Choloimbia agus dhan Bheiniseala fhèin.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Municipio de Urdaneta
  2. Notícias 24
  3. VTV
  4. Genealogía Colombiana
  5. Geneología Colombiana
  6. INCES