Port Rosnait
Port Rosnait | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Whithorn[1] |
Co-chomharran | 54° 42′ 00″ Tuath 04° 22′ 00″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01988 |
Còd-puist | DG8[2] |
Duilleag oifigeil | Isle of Whithorn |
‘S e baile beag dùthchasail agus port faisg air Whithorn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Port Rosnait (Beurla/Beurla Ghallta: Isle of Whithorn). Tha e suidhichte shìos aig ìre na mara,[3] ann an ceann a deas Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975. Tha e 307km air falbh bho Obar Dheathain, 130km bho Ghlaschu, 64km bho Dhùn Phrìs agus 158km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Port Rosnait. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus iasgach. Tha an t-Eilean Mhanainn ri fhaicinn bho an seo nuair a bhios an aimsir math.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à port agus ros anns a' Gàidhlig a tha an t-ainm.[5]. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[6] Bheireadh sin Eilean an Rois Gile dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an 1973 chaidh sealladh neo dhà às an fhilm Wickerman fhilmeadh ann an Uamh an Naoimh Ninian, a tha eadar na creagan air a' chosta eadar Port Rosnait agus Glasserton.[7]
Poileataigs
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Phort Rosnait fhèin a bhuineas Port Rosnait, a ghabhas a-steach an sgìre ann an ceann a deas na Machrach. Tha dìreach 360 duine a' fuireach san sgìre air fad.[8] Tha 10 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla an Naoimh Ninian, ann am Port Rosnait. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[9]
Gnàth-shìde
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.6 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1030mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Port Rosnait. Tha sileadh uabhasach trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann am Port Rosnait.[10] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 58mm eadar an Giblean (dìreach 58mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (116mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.6 °C.
Còmhdhail
[deasaich | deasaich an tùs]Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
- 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.
- 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Whithorn - An t-Sròn Reamhar.[11]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ Falling Rain
- ↑ Luftlinie
- ↑ Mac an Tàilleir, Iain: “Gaelic Placenames”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023 (pdf).
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ Movie Locations
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
- ↑ Climate Data
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn