Segovia
Segovia
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Segovia | ||||
Sgìre | Castilla y León | ||||
Co-chomharran | 40° 56' 43' Tuath 04° 07' 35' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 163.59 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 56,047 (2009) | ||||
Dlùths | 342.61/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 921 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
’S e baile mòr faisg air Ávila ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Segovia (IPA: seˈɣoβja). Tha e suidhichte aig 1,005m os cionn ìre na mara,[1] 93km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 663km bho Bharcelona.[2] Tha 56,047 daoine a’ fuireach ann an Segovia.[3] Tha e ainmeil air fad an t-saoghail airson an amar-uisge nan Ròmanach a tha a seo. A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Segovia a th’ ann cuideachd.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha a h-uile coltas ann gur ann à Segobriga a tha ainm a' bhaile. 'S e ainm gu math Ceilteach a th' ann, bho Sego (Gàidhlig: buaidh) agus briga (Gàidhlig: dùn). Bheireadh sin Segburgh dhuinn ann an Alba, leis gu bheil na faclan a' nochdadh anns na cànain Gearmailteach (sieg agus burg). Chaidh an t-ainm arabachadh gu شقوبية (Šiqūbiyyah) ach 's e an t-seann ainm ann an Laideann a tha ga chleachdadh a-nis.[4] A dh'aindeoin sin, tha cuid a' ràdh nach eil sin idir ceart agus gu robh an Segobriga mun do sgrìobh Livius agus Ptolomaidh faisg air Saelices, ann an Cuenca.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]B' e na Ceiltich o shean a stèidhich am baile. Bhuannaich Quintus Caecilius Metellus Pius cath an seo ann an 75 Ro Chrìosd. Mar a b’ àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[5] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach-tòiseachaidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[6]
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Segovia.[7] Cha tuit ach 476mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 697mm nas lugha na Steòrnabhagh - leis gur e àite àrd tioram a th' ann.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Aemet Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Los topónimos: sus blasones y trofeos (la toponimia mítica), Galmés de Fuentes A., Real Academia de la Historia, Madrid, 2000
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
- ↑ Aemet
- ↑ Femp