[go: up one dir, main page]

Jump to content

Martos

O Uicipeid
Martos
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Jaén
Sgìre Andalusia
Co-chomharran 37° 43' 22 Tuath
03° 57' 57 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 93.43 km²
Àireamh-shluaigh 24,343 (2020)
Dlùths 260.55/km²
Àireamh fòn 953
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e baile meadhannach faisg air Andújar ann an Andalusia (An Spàinn) a th' ann am Martos (IPA: anˈduxaɾ). Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Fuente de la Villa, 212m os cionn ìre na mara, anns an Roinn Jaén, 23km air falbh bho Jaén fhèin. 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo. 'S e turasachd agus àiteachas a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol, gu seachd-àraidh liosan-ola. Tha 24,343 duine a' fuireach ann.[1] A bharrarchd air Cellamare san Eadailt, chan eil baile neo baile eile san t-saoghal far a bheil an Naomh Amator à Auxerre a cheart cho cudromach dhan Eaglais Chaitligeach na Martos.

Freumahn an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha ainm-àite Ibearach ann, air an robh Tucci, agus b' e Augusta Gemella Tuccitana a chandh ri aig àm nan Ròmanach. Chaidh an t-ainm Arabais توش (Tuis) a chlàradh airson a' chiad turais le Al-Razi, agus an uair sin, san 10mh Linn, b' e Al-Muqaddasi a sgrìobh mu dheidhinn مارتوش (Martuis).[2]

B' e pàirt na roinne Hispania Ulterior a bh' ann. Stèidhicheadh easbaigeachd an seo aig deireadh Impireachd na Ròimhe, a mhair gu ruige Ceannsachadh Ioslamach na dùthaich ann an 711. Nuair a bhris Al-Andalus ann an rìoghachdan beaga, thàinig Martos fo sgàil Taifa Ghranada agus an uair sin Taifa Shevilla (1078). Ghabh an Rìgh Fernando II à Castilla os làimh an sgìre seo ann an 1226, leis gun do chuireadh gu bàs an Rìgh Abd Allah al-Bayasi - Rìgh Taifa Bhaeza - airson traoidhtearachd, oir gun tug e Martos agus cuid a bhaile eile[3] do dh' Fhernando II aig àm cogadh an aghaidh nan Arabach eile.[4]

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Àireamh-sluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]
Bliadhna 1857 1900 1950 2000 2020
Muinntir 12.552 17.078 30.404 22.732 24.343[6]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. INE
  2. Jacinto García, Eduardo José. Universidad de Jaén, ed. La Toponimia de Jaén en las fuentes árabes Medievales: Aproximación lingüística.. Jaén. 1016-1017. ISBN 84-690-3383-2.
  3. Reilly, Bernard F. (1993). The Medieval Spains. Cambridge University Press., ISBN 9780521397414.
  4. Martínez Díaz, Gonzalo (2000). «La conquista de Andujar: su integración en la Corona de Castilla». Boletín del Instituto de Estudios Giennenses (Jaén: Instituto de Estudios Giennenses) (176): 625-628. ISSN 0561-3590.
  5. Casares G. Cantón, Raúl; Duch Colell, Juan; Antochiw Kolpa, Michel; Zavala Vallado, Silvio et ál (1998). Yucatán en el tiempo. Mérida, Yucatán. ISBN 970 9071 04 1.
  6. Martos – Àireamh-sluaigh
  7. Grupo de empresa Valeo Iluminación, ed. (2002). Dos pueblos lejanos hermanados, Martos (España) con Baler (Filipinas) (n º 30 edición). Martos.