[go: up one dir, main page]

Jump to content

Faro

O Uicipeid
Faro
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich A' Phortagail
Ceàrn Algarve
Sgìre Faro
Co-chomharran 37° 02' Tuath
07° 55′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 201.59 km²
Àireamh-shluaigh 58,698 (2008)
Dlùths 291.18/km²
Àireamh fòn + 289 87
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S e baile meadhanach agus port ann an ceann a deas na Portagaile a th’ ann Faro (IPA: ˈfaɾu, Laideann: Ossonoba, Arabais: أخشونبة). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1266 gu oifigeil, ged an robh daoine a’ fuireach ann seo ro àm nan Ròmanach. Tha Faro suidhichte aig dìreach 12m os cionn ìre na mara,[1] eadar An Cuan Siar agus Am Muir Mheadhanch,[2] aig inbhir na h-aibhne Formosa.[3] Tha Àite Glèidheachas Nàdarra an Lagùn Formosa ri beulaibh a’ bhaile, a tha fo smachd na Riaghaltais.[4] Tha Faro 216km air falbh bho Lisboa, prìomh-bhaile na dùthcha agus 463km bho Phorto[5] agus tha e ann am meadhan na h-Algarve. Tha port-adhair a’ bhaile a’ frithealadh na turasachd,[6] an t- eileamaid as cudromaiche do dh’eaconomaidh na roinne.[7] Tha 58,698 daoine a’ fuireach ann am Faro,[8] an 25mh baile as motha na dùthcha. [9]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Freemeteo
  2. Lomography
  3. Carob Tree
  4. Instituto da Conservação da Naturaleza e da Biodiversidade
  5. Distance Calculator
  6. Faro Airport
  7. Eurostat
  8. Cunntas-sluaigh na Portagaile
  9. Bailtean na Cruinne[dead link]
  10. SisterCities

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]