Dòmhnall II na h-Alba
Dòmhnall II na h-Alba | |||
---|---|---|---|
889 - 900 ← Griogar na h-Alba - Còiseam II na h-Alba → | |||
Beatha | |||
Breith | 862 | ||
Dùthaich | Rìoghachd na h-Alba | ||
Bàs | Farrais, 900 | ||
Àite-adhlacaidh | Ì Chaluim Chille | ||
Teaghlach | |||
Athair | Còiseam I na h-Alba | ||
Clann |
liosta
| ||
Fine | taigh Ailpinn | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||
B' e Rìgh Alba eadar 889 is 900 a bh' ann Dhòmhnaill II na h-Alba. (Domnall mac Causantín). Bha e na mhac Rìgh Còiseam I agus na cho-ogha ri Eochaid agus Còiseam II a lean e mar Rìgh.
Ghabh Dòmhnall grèim air cathair-rìgh na h-Alba bho Giric, a bha a riaghladh le Eochaid, a bha air bràthair-athar Dhòmhnaill a mharbhadh. Le bàs Giric chaidh Eochaid fhuadachadh bhon dùthaich agus mar sin fhuair Dòmhnall grèim air an rìoghachd.
'Sann fo Dòmhnall II a chaidh Rìoghachd Srath-Chluaidh a chuir fo cheannsail le nan Gaidheil agus mar seo gu ìre a stèidheachadh Rìoghachd Alba; leis fhèin air ainmeachadh ann an eachdraidh bhliadhnail Ulaidh mar Rì Alban seach dìreach Rex Pictorum mar a chaidh na rìghrean roimhe ainmeachadh. Bha an t-àm riaghladh aige ann nuair a thoisich na Lochlannaich a ceannsachadh an Alba a' Deas eadar Alba agus na dùthchannan Sasannach le greim a ghabhail air an talamh an aite dìreach goid bho na daoine airson a chiad turas. Bha na Lochlannaich mur tha air Alba a' Tuath a fhaighean fo smachd.
'Se Rìgh Dòmhnall II a chiad duine a chaidh ainmeachadh mar Rìgh na h-Alba (no Rì Alban san Sean Gàidhlig ) leis a bhàs anns a bhliadhna 900. Roimhe, 'se Rìgh nan Cruithnich no Rìgh na Fhortreann. Gu tric tha daoine a coimhead ris an atharrachadh seo mar aoibhe airson breith Rìoghachd Alba ach chan eil moran a thachair ann an àm Dòmhnall a toirt cuideam don bheachd is. Bha far-ainm aige, dásachtach, le ciall ruideigin coltach ri 'Gloic' anns an sean chànan. Tha feadhainn dem beachd gu bheil seo is coireach ri cho mì-stòlda 'sa bha an rìoghachadh aige le ùine air a chuir seachad a cogadh an aghaidh na Lochlannaich. Tha beachd eile ann gun d'fhuair e an t-ainm seo trobh cuir sìos air an eaglais no tro cìsean robh àrd. Chan eil cinnte ann ach tha am fan-ainm seo dha dhèanamh le mì-choltach mar stèidheadair Alba.
Aistidhean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Teisteanas
[deasaich | deasaich an tùs]Air a tharraing, agus eadar-theangachadh, bho :