Biel/Bienne
Biel/Bienne
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Eilbheis | ||||
Roinn Eilbheiseach | Bern | ||||
Cànan | Gearmailtis (55.4%) Fraingis(28.1%) | ||||
Co-chomharran | 47° 08 00′ Tuath 07° 15 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 21.23 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 51,203 (2010) | ||||
Dlùths | 2,411.82/km² | ||||
Àireamh fòn | + 41 31 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.biel-bienne.ch |
‘S e baile mòr ann an ceann a tuath na h-Eilbheis a th’ ann an Biel (Gearmailtis) neo Bienne (Fraingis). ‘S ann às an Dia Ceilteach Belenus a tha an t-ainm (Gàidhlig Bealltainn). Chaidh am baile seo a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1142 mar Apud Belnam ged an robh daoine air a bhith a’ fuireach an seo ro àm nan Ròmanach. Tha e suidhichte dìreach ri taobh Loch Biel (Gearmailtis: Bielersee, Fraingis: Lac de Bienne), aig 668m os cionn ìre na mara[1] anns an roinn (Gearmailtis: Kanton) Bern, 102km air falbh bho Zürich, 132km bho Ghenève agus dìreach 26km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 51,203 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 10mh baile as motha na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[3] ‘S e Gearmailtis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Biel/Bienne, ach tha Fraingis aig mòran dhaibh cuideachd.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Nicolas George Hayek (1928 – 2010 neo 1349) am fear a stèidhich a’ chompanaidh Swatch.
- Georges Item (1927: Dealbhadair.
- Jacques Moeschler (1954): Cànanaiche.
- Raymond Bruckert (1935): Sgrìobhadair.
- Roland Kuhn (1912 – 2005): Inntinn-eòlaiche.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Iserlohn[4]