Balla Antonine
'S e Balla Antonine am balla àrsaidh Ròmanach a tha a’ sìneadh tarsainn na Albann. Tha e a' ruith eadar an Linne Chluaidh air a’ taobh an iar agus an Linne Foirthe air an taobh an ear, 63km (39 mìle) a dh' fhaide. 'S e an rud as motha a thog na Ròmanaich ann an Albainn.
Bha am balla dèanta le sgrathan agus clachan, le dùin air feadh a fhaide, eadar dhùin bheaga agus dhùin mhóra. Tha feadhainn dhiubh fo chùram Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Mar as àbhaist tha dìg r’ a thaobh. Thòisich an t-Ìompaire Antoninus a thogail ann an 142 AD, agus fad fichead bliadhna b’ e sin crìoch a tuath na h-Ìompaireachd Ròmanaich. Tha e anns a’ chlàr de Làraichean Dualchas na Cruinne aig UNESCO.
Is iad na dùin agus na dùin bheaga bho thaobh an iar gu taobh an ear:
- Dùn Chill Phàdraig, Dùn Tòchair, Cleddans Fortlet, Castlehill Fort, Bearsden Fort, Balmuildy Fort, Cadder Fort, Cathair Cheann Tulaich, Auchendavy Fort, Bar Hill Fort, Cruaidh (Croy) Hill Fort, Westerwood Fort, Castlecary Fort, Suidhe Beag (Seabegs), Rough Castle, Dùn na h-Eaglaise Brice, Mumrills Fort, Kinneil Fortlet, Carriden Fort.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Balla Antonine[dead link] (pdf) - bileag aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba