[go: up one dir, main page]

Jump to content

Alanya

O Uicipeid
Alanya

Suidheachadh
Dùthaich An Tuirc
Ceàrn Alanya Belediyesi
Sgìre Antalya İli
Co-chomharran 36° 33 00' Tuath
32° 00 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,598.51 km²
Àireamh-shluaigh 104,573 (2017)
Dlùths 65.42/km²
Àireamh fòn + 0444
Duilleag oifigeil https://www.alanya.bel.tr

'S e baile, port agus sgìreachd (Turcais: belediye) ann an ceann a deas Poblachd na Tuirce a th' ann an Alanya (IPA: aˈɫanja, Greugais: Κορακησιον). Tha Alanya suidhichte air costa na Mara Mheadhan-thìriche, eadar Antalya agus Mersin san roinn (Turcais: ili) Antalya, aig inbhir na h-Aibhne Dimçay (Greugais: Δυμ), aig 250m os cionn ìre na mara. Tha 104,573 duine a' fuireach ann.[1]

Tha rannsachadh àrsaidh a' sealltainn gu robh daoine a' fuireach san àite seo o chionn corr is 22,000 bliadhna.[2] A bharrachd air sin lorgadh sglèata air a sgrìobhadh ann an 650 ro Ìosa Crìosd agus chaidh am baile ainmeachadh anns a' Pheriplus Pseudo-Scylax. Tha e coltach gun do thog na Hattusa a' chiad chaisteal shuas air a' cnoc. Thog Diodotus caisteal ùr an seo ann an 137 ro Ìosa Crìosd.[3] Fad linntean b' e àite far an robh spùinneadaireachd aig cridhe an eaconomaidh ach chuir Impireachd na Ròimhe crìoch air sin ann an 67 ro Ìosa Crìosd, nuair a chuireadh ruaig air na spùinneadairean. Ràinig Crìosdaidheachd dhan dùthaich sa 1 Linn agus chaidh easbaigeachd a stèidheachadh sa bhaile. Bha an easbaigeachd seo cho cudromach gun deach easbaigean à Alanya gu comhairlean-eaglaise ann an Constantinopoulos (381), Ephesus (431), Chalcedon (451) agus Constantinopoulos (680). Lean am baile air mar àite gu math cudromach fon Impireachd Bheasantianach, gu ruige 1071 nuair a thuit e dha na Tuirich Seljuq. Shabaideadh feachdan Ioslamach agus Crìostaidh, Mamalucach agus Arabach airson a' bhaile fad linntean gus an tug Impireachd nan Otomanach thairis e ann an 1471.[4] Bha am baile fo bhuaidh na Eadailt bho 1917 gu ruige 1923 nuair a chaidh a thoirt a-steach gu Poblachd nan Tuirceach. Chaidh ainm a' bhaile atharrachadh bho Alaiye gu Antalya ann an 1933 leis gun do rinn Mustafa Kemal Atatürk mearachd sgrìobhaidh ann an teileagram.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheagailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Cunntas-sluaigh na Stàite
  2. Tanitma Genel Müdürügülü
  3. Hurriyet
  4. Vryonis, Jr, Speros (1975). "Nomadization and Islamization in Asia Minor". Dumbarton Oaks Papers. 29: 41–71 [45]
  5. IMDB

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]