[go: up one dir, main page]

Jump to content

Amman

O Uicipeid
عمان
Amman
Bratach a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Iòrdan
Ceàrn Capital Governorate
Co-chomharran 31° 57' Tuath
35° 56' Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 2,125,400 (2005)
Duilleag oifigeil www.ammancity.gov

'S e prìomh-bhaile Iòrdain a tha ann an Amman[1] (uaireanan: Ammann; Arabais: عمان, ʿAmmān).

Tha Amman suidhichte ann an taobh tuath na dùthcha. Chaidh am baile a thogail air seachd beanntan, ach an-duigh tha e a' sgaoileadh air 19 beanntan ris an canar jabal. Anns a' bhliadhna 2005 bha 2,125,400 duine a' fuireach anns a' bhaile fhèin. [2]

‘S e teas meadhan malairteach Iòrdainn a tha ann an Amman. Tha am baile cudthromach cuideachd airson foghlam àrd-ìre, nam meadhanan agus an roinn turasachd. Tha port-adhair eadar-nàiseanta, an Queen Alia International Airport, faisg air a’ bhaile.

Chaidh am baile a stèidheachadh mu 8500 RC, lorg na rannsaichearan arc-eòlas piosan beaga den seann bhaile ann an Ain Ghazal.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  2. Jordan Department of Statistics
  3. SisterCities
  4. SisterCities
  5. SisterCities

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Meadhan seann bhaile Amman
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: