[go: up one dir, main page]

Jump to content

A' Chananaich

O Uicipeid
A' Chananaich

Àrd-eaglais anns a' Chananaich
Suidheachadh
A' Chananaich is located in Alba
A' Chananaich
A' Chananaich (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Ros an Ear
Co-chomharran 57° 34′ 55″ T
4° 7′ 55″ I
Comharradh-clèithe NH 726 568
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01381
Còd-puist IV10

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha anns a' Chananaich (Beurla: Fortrose)[1][2][3]. Tha am baile suidhichte air bruach Linne Mhoireibh air an Eilean Dubh eadar Abhach agus Ros Maircnidh. Tha e mu 10 km san àird an ear-thuath Inbhir Nis. Anns a' bhliadhna 2020 bha 1380 duine a' fuireach an seo.[4]

Tha am baile ainmeil airson na h-àrd-eaglaise a chaidh a thogail anns an 13mh linn. Anns an 17mh linn rinn Oliver Cromwell sgrios mòr air an togalach, bhris e na clachan às na bailtean airson an dùin ann an Inbhir Nis a thogail. An-diugh tha na tobhtaichean fo chùram Alba Aosmhor. Tha meadhan a' bhaile, eadar Castle Street, St Andrew’s Walk agus High Street na raoin-ghlèidhteachais. Tha sin a' gabhail a' chalaidh cuideachd [5].

Anns na Meadhan-aoisean bha na h-easbaigean dhen t-Siorrachd Rois a' fuireach anns a' Chananaich. Canar gun do dh’fhuirich Coinneach Odhar an seo cuideachd.

Còmhla ri Ros Maircnidh tha raon-goilf aige.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Fortrose - A' Chananaich”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Iuchar 2020.
  2. SMO
  3. Ross, David (2001): “Fortrose”, Scottish place-names. Dùn Èideann: Birlinn, td. 92. ISBN 1-84158-173-9. 
  4. Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Clàran Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen t-Sultain 2024.
  5. Fortrose(Beurla). Comhairle na Gàidhealtachd. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2017.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: