[go: up one dir, main page]

Jump to content

Cunbhal

O Uicipeid

Anns na saidheansan matamataigeach, 's e teirm no uimhir aig a bheil luach seasmhach (no cunbhalach) a th' ann an cunbhal. 'S ann eadar-dhealaichte ri cunbhal a tha caochladair aig a bheil luach atharrachail.

Cunbhalan neo-shònraichte

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e gnè teirm ann am foirmle, mar as cumanta, a th' ann an cunbhal. A-rèir cleachdaidh, thèid cunbhalan an riochdachadh le litrichean bho thoiseach na h-aibidil Laidinn (m.e. a, b agus c) agus caochladairean le litrichean bho dheireadh na h-aibidil (m.e. x, y agus z). Mar eisimpleir, anns a' cho-aontar:

Faodaidh x agus y gabhail luach sam bith, ach bhiodh ach aon luach aig a, fear eile aig b, agus an treas fear aig c. Is coltach nach eil eòlas againn air luach nan cunbhalan ann am foirmle mar seo, ach thèid am faighinn a-mach ma tha fios againn air luach an fhoincsein a-rèir na dh'fhòghnas de luachan x agus y eadar-dhealaichte. 'S e caochladair a th' ann an z cuideachd ach tha luach z an urra ri luach nan cunbhalan a, b agus c, agus an luach a th' aig x agus y. Canar caochladair eisimeileach ri z agus caochladair neo-eisimeileach ri x agus y.

Co-èifeachdach

[deasaich | deasaich an tùs]

Far a bheil caochladair air iomadachadh le cunbhal ann am foincsean mar os cionn, tha buaidh aig gach caochladair air luach an fhoincsein an urra ris a' chunbhal a dh'iomadaicheas e. Mar sin, canar co-èifeachdach ris na cunbhalan a agus b anns a' cho-aontar os cionn. Chan e co-èifeachdach a th' anns an c, ge-tà, oir chan iomadaich i caochladair.


Cunbhal atharrachaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Far a bheil co-aontar den riochd:

, no

...atharraichidh an caochladair y dìreach no neo-dhìreach an cois a' chaochladair x . 'S e sin ri ràdh gu bheil y agus x ann an co-mheas cunbhalach, k, ma tha an t-atharrachadh dìreach eatarra, no gu bheil toradh y agus x cunbhalach, k, ma tha an t-atharrachadh neo-dhìreach eatarra. Canar cunbhal atharrachaidh ri cunbhal mar k ann an co-aontar den t-seòrsa seo.

Cunbhalan sònraichte

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha luach sònraichte aig cuid de chunbhalan, agus comharran sònraichte aca. 'S e eisimpleir shuarach a th' anns na h-àireamhan fhèin ach 's e cunbhalan mar π (≈ 3.14159), Cunbhal Euler e (≈ 2.71828), no an t-aonad ìomhaigheach i (= √-1) a tha romhainn mar as cumanta nuair a tha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn chunbhalan sònraichte.

Ann am fiosaig cuideachd tha iomadh cunbhail cudromach, mar eisimpleir luathas solais ann am vacuum c (= 299 792 458 m.s-1) agus Cunbhal Phlanck h (≈ 6.626 × 10-34 J.s).