Cabhcas
'S e mòr-roinn nàdarra eadar àirde an ear na An Roinn Eòrpa agus àirde an iar Àisia a th' ann An Cabhcas. The e suidhichte eadar A' Mhuir Dhubh agus a' Mhuir Chaspach. Tha an Cabhcas air a shìneadh air feadh shia dhùthchannan: Airmeinia, Asarbaideàn, A' Chairtbheil, Ioràn, An Ruis agus An Tuirc.[1]
Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]'S dòcha gur ann à Caucas, sinnsear miotasach daoine na sgìre, a tha an t-ainm. Air rèir beul-aithris, b' e mac Tofamah agus ogha Jafeth (mac Noah sa Bhìobaill) a bh' ann an Caucas.[2] Bha seachdnar mic aige: Kartlos, sinnsear nan Cairtbheileach; Haik, sinnsear nan Airmeiniach; Lekos, sinnsear nan Lezgineach; Heros à Hereti; Movakos; Kavkas; agus Egros (air neo Egrisi). Tha teòiridh eile ann, a chanas gun tàinig an t-ainm à Kaukasos, buachaille miotasach Greugach, air a mharbhadh le Cronos anns na beanntan air an ainmeachadh an a dhèidh. Ann am miotas-eòlas nan Greugach, b' e aon dhe na colbhan a bheireadh an saoghal a bh' ann an Kaukasos. Chanadh gu robh Prometeus air a phrìosanachadh le Zeus anns na beanntan seo. Chithear liosta mar a chanar an ainm ann an cànan eile, mar a leanas:[3]
- Abkhaz: Kawkáz
- Adyghe: Къавкъаз - Хэку (Qawqaz)
- Azeri: Qafqaz
- Arabais: القوقاز (al-Qawqāz)
- Hayeren: Կովկաս (Kovkas)
- Avar: Кавказ – كافكاز (Kawkaz)
- Noxçiyn: Кавказ (Kawkáz)
- kartuli: კავკასია (K'avk'asia)
- Greugais: Καύκασος (Kávkasos)
- Ğalğay: Кавказ (Kawkaz)
- Qabardejbza: Къавкъаз (Qawqaz)
- Qaraçay-Malqar: Кавказ (Kawkaz)
- Kurdî: Qefqasya - Qefqas
- Lezgin: Къавкъаз (K'awk'az)
- Lak: Ккавкказ (Kkawkkaz)
- Ævzag: Кавказ (Kavkaz)
- Farsi: قفقاز (Qafqaz)
- Ruisis: Кавказ (Kavkaz)
- Turcais: Kafkaslar - Kafkasya
- Ucràinis: Кавказ (Kaukaz)
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chuir Jarosław Dąbrowski seachad ceithir bliadhna bho 1855 gu ruige 1859 na oifigear san Arm is e a' sabaid ann an aghaidh nan Czerkess às leth an tsar. Fhuair e bonn leis cho gaisgeach 's a bha e.[4]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Eurasia 1945
- ↑ Jean Radvanyi et Nicolas Beroutchachvili, Atlas géopolitique du Caucase. Russie, Géorgie, Arménie, Azerbaïdjan : un avenir commun possible ?, Éditions Autrement, 2009, ISBN 978-2-7467-1296-6
- ↑ “Lenguas del Cáucaso” (Spàinntis). Promotora Española de Lingüística. Air a thogail 12mh dhen Fhaoilleach 2019.
- ↑ R. Dubois, À l'assaut du ciel : la Commune racontée par Raoul Dubois, Les Éditions ouvrières, Paris, 1991 (ISBN 2-7082-2880-3)