[go: up one dir, main page]

Jump to content

The Exorcist

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 22:31, 4 dhen Lùnastal 2017 le Akerbeltz (deasbaireachd | mùthaidhean)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)

S e seo fiolm a bha a' dol mun cuairt anns na seachdadan (70an) agus air an robh cliù - neo eile! - air sgàth na bh' ann de thachartasan is de sheallaidhean uamhasach. Leis an fhìrinn innse, bha còir agam a bhith air a dhol ga fhaicinn le caraidean ach aig a' mhionaid mu dheireadh ghabh mi an t-eagal agus cha deach mi cuide riutha idir.

Ach chan e sin ach toiseach sgeòil... chunnaic mi an leabhar agus cheannaich mi e - agus eagalach uamhasach 's gun robh an sgeul, dhrùidh e orm gu mòr. Agus 's e mo bheachd gun d' rinn seo diofar, agus mi a' tuigsinn na b' fheàrr na bh' ann.

Aig an àm cha robh a' dol ach cainnt mu na rudan a thachair don nighean - Regan MacNeil - san fhiolm. Ceann a' dol mun cuairt, cainnt làidir agus eile. Ach b' e an rud a mhair nam chuimhne fada an dèidh seo uile ach tuar eudochasach an fhiolm. Sin agus seòrsa de 'gravitas' nach b' àbhaist a bhith anns an leithid. 'S ann a bha seo na b' fhollaisiche an dèidh dhomh an leabhar a leughadh.

'S dòcha gur e rud a tha seo nach tuig luchd-coimhid òga nar latha - ach tha am fiolm fiù 's a' fosgladh mar gum b' ann ann an stoidhle nan naidheachdan. Rinneadh seo a dh'aona ghnothach: tha gu bheil cùisean a' tòiseachadh ann an dùthaich thall thairis, le luchd-arc-eòlais a' cladhach, a' fàgail an fhiolm le coltas cudromach da-rìribh air.

Ach chan e eudochas an aon rud a tha ri fhaireachdainn - am measg gach rud eile, tha ceistean creideimh agus eadhon pìos à searmon ainmeil a rinn John Henry Newman: 's ann a tha seo air a chur san leabhar mar gum b' ann le fear dhe na sagairtean, An t-Athair Merrin, a bha e.

Seo mar a thòisicheas an leabhar, le nota-còmhdaich taobh-a-staigh...

'Thòisich an oillt gun fhiosta. Fuaimean an seòmar Regan, fàileadh neònach, àirneis às àite, fuachd uamhraidh. Draghan beaga, a bha furasta mìneachadh don chleasaiche, Chris, màthair Regan.'

'Agus na h-atharrachaidhean ann an Regan, 11 bliadhna dh’aois, beag air bheag, cho beag ‘s nach do dh’aithnich Chris sa chiad ghreis cho mòr ‘s a bha giùlan a h-ìghne air atharrachadh. Fiù ‘s nuair a dh’aithnich, cha deach fuasgladh fhaotainn tro na deuchainnean meidigeach a lean, eadhan agus cor Regan a’ fàs na bu dèine ‘s na b’ oillteile. Bha e cha mhòr gun robh pearsa eile air gabhail thairis.'

'Na h-èiginn, chaidh Chris o na dotairean gus an Athair Damien Karras, sagart Ìosaideach a fhuair trèanadh mar dhotair-inntinn ‘s aig an robh fios domhainn air a leithid de neònachas mar adhradh an t-Sàtain is pearsachan diabhlaidh. An gabhadh e bhith gur e diabhal a bha ann? Mura robh fuasgladh ri fhaotainn san leigheas-inntinn, am biodh cur-às-do-dhroch-spiorad mar chobhair?'