Vitoria-Gasteiz
Vitoria-Gasteiz
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Roinn Araba | ||||
Sgìre | Dùthaich nam Basgach | ||||
Co-chomharran | 42° 51' Tuath 02° 41' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 276.81 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 235,661 (2009) | ||||
Dlùths | 851.35/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 945 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile mòr ann an ceann a tuath na Spàinne a th’ ann Gasteiz neo Vitoria.[1] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1181. Thug an Rìgh Gotach Liuvigild Victoriacum air a’ bhaile ùr sin, a stèidhich e ann an àite air an robh Gasteiz o shean. Tha Vitoria-Gasteiz suidhichte aig 516m os cionn ìre na mara,[2] ri taobh na h-aibhne Zadorra.[3] Tha Gasteiz 291km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 50km bho Bhilbao, am baile as motha ann an Dùthaich nam Basgach[4] Tha 235,661 daoine a’ fuireach ann an Gasteiz,[5] an darna baile as motha ann an Dùthaich nam Basgach[6] agus an 20mh baile as motha na Spàinne. [7] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinn Araba agus Dùthaich nam Basgach a th’ann Vitoria-Gasteiz cuideachd.
Eachdraidh
deasaichThuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[8]
Cruinn-eòlas
deasaichA rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Vitoria-Gasteiz.[9] Cha thuit ach 855mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 318mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[10] - leis gur e àite caran fliuch a th' ann, an taca ri àiteachan eile san Spàinn.
Bailtean Co-cheangailte
deasaich- Anaheim, Calafòrnia[11]
- Victoria, Na Stàitean Aonaichte
- Daira, Aildiria
- Kutaisi, Gruisia
- Cogo, Gini Mheadhan-Chriosach
- Angoulême, An Fhraing[12]
- Ibagué, Coloimbia
- Vitoria, Braisil
- Sullana, Pearu
Iomraidhean
deasaich- ↑ Euskaltzaindia
- ↑ Mongabay
- ↑ Eratzun Berdea
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Eustat
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
- ↑ Climate Data
- ↑ Oifis na Sìde
- ↑ SisterCities
- ↑ Annuaire de France