[go: up one dir, main page]

Bha Robert Louis Balfour Stevenson (Dùn Èideann, 13 an t-Samhain 1850Vailima, 3 an Dùbhlachd 1894) na sgrìobhaiche Albannach. 'S iad na sgrìobhaidhean as ainmeile aige na nobhailean Treasure Island agus Kidnapped agus an sgeulachd The Strange Case of Dr Jekyll and Mr Hyde.

Robert Louis Stevenson
Beatha
Ainm slàn Robert Lewis Balfour Stevenson
Breith Dùn Èideann, 13 dhen t-Samhain 1850
Dùthaich  Alba
Àite-fuirich Baile Ùr Dhùn Èideann
Bournemouth (en) Translate
Samoa
Ciad chànan Beurla
Bàs Vailima (en) Translate, 3 dhen Dùbhlachd 1894
Àite-adhlacaidh Mount Vaea (en) Translate
Grave of Robert Louis Stevenson (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (ruith-fala san eanchainn)
Teaghlach
Athair Thomas Stevenson
Màthair Matilde Margaret Isabella Stevenson
Cèile Fanny Stevenson (en) Translate  (1880, 19 dhen Chèitean 1880 -  1894)
Sinnsirean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
University of Edinburgh School of Law (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd bàrd, aistear, nobhailiche, sgrìobhadair sgeulachdan goirid, sgrìobhadair litreachas cloinne, sgrìobhadair agus sgrìobhaiche òran
Obraichean comharraichte Treasure Island (en) Translate
Kidnapped (en) Translate
Strange Case of Dr Jekyll and Mr Hyde (en) Translate
A Child's Garden of Verses (en) Translate
Prince Otto (en) Translate
Buaidh Guy de Maupassant, Charles Dickens, Edgar Allan Poe (mul) Translate agus Nathaniel Hawthorne (mul) Translate
Gnè ealain nobhail driod-fhortain
Gothic literature (en) Translate
Creideamh
Creideamh Seanaireachd
IMDb nm0829044

Rugadh Robert Louis Stevenson ann an Dùn Èideann, mac do Thomas Stevenson (1818–1887), neach-togail thaighean-solais, agus a bhean Margaret Isabella Balfour (1829–1897).[1] Bha broilleach lag aig a mhàthair, agus bha Stevenson tinn gu tric na ghille agus na inbheach. Anns an t-Sultain 1867, thòisich e ionnsachadh innleadaireachd ann an Oilthigh Dhùn Èideann, ach cha robh ùidh aige anns a' chuspair, agus bho 1871 lean e cùrsa gus a bhith na fhear-lagha.[1] Chrìochnaich e an t-ionnsachadh sin anns an Iuchar 1875, ach cha robh e ag obair na fhear-lagha riamh; bha e a' siubhal agus a' sgrìobhadh an àite sin.

Ann an Grez ann an 1876, thachair e ri Fanny Van de Grift Osbourne (1840 - 1914, a rugadh ann an Indianapolis, bean do Samuel Osbourne nuair a choinnich e rithe), agus thuit e ann an gaol leatha an ath bhliadhna, nuair a thachair iad ri chèile a-rithist san Fhraing.[1] As dèidh dhi tilleadh a Shan Francisco ann an 1878, lean e gu Aimearaga i ann an 1879. Shiùbhail e ann am bàta gu Eabhraig Nuaidh agus an uair sin air trèana thar na dùthcha gu San Francisco agus sìos gu Monterey far an robh Fanny.[1] Bha an turas sin dona airson a shlàinte, agus aig àmannan, bha e faisg air a bhàs. Air 19 Cèitean 1880 phòs e Fanny ann an San Francisco agus anns an Lùnastal dhen bhliadhna thill iad gu Breatainn.[1]

Eadar 1880 agus 1887 bha Stevenson an tòir air aimsir a bhiodh freagarrach air a dhroch shlàinte, a' cur seachad na geamhraidhean ann an Alba agus Sasainn agus na samhraidhean anns a' Fhraing. Bhon Iuchar 1888, bha e a' seòladh a' Chuan Shèimh, a' cur seachad cuid mhòr den àm aige ann an diofar eileanan, m.e. Hawaii, Gilbert Islands, Tahiti, Sealan Nuadh agus Samoa. Ann an 1890, cheannaich e 400 acair ann an Upolu, Samoa, agus dh'fhuirich e anns a' bhaile Vailima. Fhuair e ainm Samoa Tusitala agus chaidh e an sàs anns a' phoileataigs ionadail. Chaochail e anns an Dùbhlachd 1894, aois dà fhichead 's a dhà.

Sgrìobhaidhean

deasaich

Thòisich Stevenson sgeulachdan a sgrìobhadh is e fhathast na ghille òg. Nochd a' chiad fhoillsechadh aige, The Pentland Rising: a Page of History, 1666, an clò nuair a bha e 16 bliadhna a dh'aois (dh'fhoillsich athair an leabhran). B' e a' chiad rud air an d' fhuair e airgead an aiste Roads, agus ann an 1868, sgrìobh e a chiad leabhar, An Inland Voyage. 'S e sin leabhar mu dheidhinn siubhail ann an curach Innseanach a rinn e anns an Fhraing agus a' Bheilg dà bhliadhna roimhe sin.

Sgrìobh Stevenson air an turas aige anns an Fhraing anns an leabhar Travels with a Donkey in the Cévennes (1879), agus air na siùbhlaichean a rinn e ann an Aimearaga, far an robh e a' leantainn a bhean ri teachd, Fanny Vandegrift Osbourne, ann an The Amateur Emigrant (tiotal buileach: The Amateur Emigrant from the Clyde to Sandy Hook, air a sgriobhadh ann an 1879-80, ach air fhoillseachadh ann an 1895, aon bhliadhna an dèidh a bhàis), Across the Plains (1892) agus The Silverado Squatters (1883, mu dheidhinn siùbhlaichean mìos nam pòg aca).

An dèidh do Stevenson tilleadh dhan Roinn-Eòrpa, sgrìobh e na sgeulan a b' fheàrr aige: Treasure Island, a' chiad nobhail gu math ainmeil aige, a chaidh fhoillseachadh eadar 1881-82 ann an iris cloinne agus ann an 1883 mar leabhar; Kidnapped (1886), far an do sgrìobh e mu dheidhinn Murt na h-Apann; The Strange Case of Dr Jekyll and Mr Hyde (1886), sgeulachd cho soirbheachail gun do dh'fhàs ainm a ghaisgeach pàirt a' chànain, ann an 1886 cuideachd; agus cruinneachadh sgeulachdan goirid The Merry Men and Other Tales and Fables ann an 1887. A bharrachd air sin sgrìobh e bàrdachd: dh'fhoillseachadh Underwoods, cruinneachadh dàin anns a' Bheurla Ghallda, ann an 1887.

Thòisich e cuideachd The Master of Ballantrae aig an àm sin ach chuir e crìoch air fhad 's a bha e a' seòladh timcheall a' Chuain Shèimh. Ann an Samoa, sgrìobh e Catriona, nobhail a bha a' leantainn Kidnapped, agus Island Nights' Entertainments. Chaidh an dà chuid fhoillseachadh ann an 1893. Aig àm a bhàis, bha e ag obair air an nobhail Weir of Hermiston.

Dìleab

deasaich

Anns a' chiad leth den 20mh linn cha robh e còrd gu math ris na luchd-sgrùdaidh, ach tha e measail a-rithist an-diugh, agus bha mòr-chòrdte am measg nan leughadairean rè an ama. Tha e an 25mh sgrìobhadair eadar-theangaichte anns an t-saoghal, roimhe Charles Dickens no Edgar Allan Poe.

Clàr-leabhraichean

deasaich

Eadar-theangachaidhean gu Gàidhlig

deasaich
  • Stevenson, R.L. 1957. 'An Cianalas (Longing)'. e-th. le Iain MacArthur, Gairm 21, td 27.

Fo Bhrùid (Kidnapped, 1886)

deasaich
  • Stevenson, R.L. 1966. Daibhidh Balfour, e-th. le Ruaraidh Moireasdan (Steòrnabhagh: Pàipear-naidheachd Steòrnabhaigh)
  • sgeulachd goirid air a tharraing on sgeulachd 'Fo Bhrùid' le sreath dhealbhan air gach duilleig.
  • MacDhòmhnaill, Iain, Alan Grant, & Cam Kennedy. 2007. Fo Bhrùid. (Lannraig Nuadh: Waverley) ISBN: 9781902407432
  • riochd an sgeòil le Alan Grant; na dealbhan le Cam Kennedy; a' Ghàidhlig le Ian MacDhòmhnaill
  • Crichton, Torcuil. 2010. Fo Bhrùid. (Steòrnabhagh: Stòrlann) ISBN: 978-1-907054-39-6
  • Ath-innse dhen sgeulachd air a tarraing dhan ficheadamh linn agus 'Ailean Breac' a-nise Khaleel.
  • Fo Bhrùid, e-leabhar le 'Giglets ann an Gàidhlig'. Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig & Comhairle nan Leabhraichean. Deasachadh ùr le dealbhan agus bhideo.

Eilean an Ionmhais (Treasure Island, 1883)

deasaich
  • Stevenson, R.L. 1966. Eilean an Ionmhais, e-th. le Ruaraidh Moireasdan (Steòrnabhagh: Pàipear-naidheachd Steòrnabhaigh)
  • air a tharraing on sgeulachd 'Treasure Island', eadar-theangaichte le Ruaraidh Moireasdan le sreath dhealbhan air gach duilleig.
  • Stevenson, R.L. 2010. Eilean an Ionmhais, e-th. le Eòin G. MacFhionghuin, Dòmhnull MacFhionghuin; deas. le Trueman MacMhathain.
  • Eilean an Ionmhais, e-leabhar le 'Giglets ann an Gàidhlig'. Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig & Comhairle nan Leabhraichean. Deasachadh ùr le dealbhan agus bhideo.

Gnothach Annasach an Dr Jekyll is Mhgr Hyde (The Strange Case of Dr Jekyll and Mr Hyde, 1886)

deasaich
  • MacDhòmhnaill, Iain, Alan Grant, & Cam Kennedy. 2008. Gnothach Annasach an Dr Jekyll is Mhgr Hyde. (Lannraig Nuadh: Waverley) ISBN: 9781902407586
  • riochd an sgeòil le Alan Grant; na dealbhan le Cam Kennedy; a' Ghàidhlig le Ian MacDhòmhnaill
  • Dr Jekyll agus Mgr Hyde, e-leabhar le 'Giglets ann an Gàidhlig'. Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig & Comhairle nan Leabhraichean. Deasachadh ùr le dealbhan agus bhideo.

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 Mehew, Ernest ⁊ Oxford Dictionary of National Biography (Sultain 2014): “Stevenson, Robert Louis (1850-1894)(Beurla). Oxford University Press. Air a thogail 12mh dhen t-Samhain 2016.

Ceanglaichean eile

deasaich