[go: up one dir, main page]

B’ e neach-lagha, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia a bh’ ann an Rafael Wenceslao Nuñez Moledo (Cartagena de Indias, 28 an t-Sultain 1825 – Ibidem, 18 an t-Sultain 1894).[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha ceithir turas airson dà phàrtaigh. B’ e balach gu math lag bochd a bh’ ann ach a dh’aindeoin sin, bha e na saighdear ann an Cogadh nan Àrdanach ann an 1840 nuair a bha e dìreach 14 bliadhna a dh’aois.  Bha e na fhear-aithris fad iomadh bliadhna an dèidh an oilthigh fhàgail. Phòs e aig María de los Dolores Gallegos Martínez ann an 1831 air adhbharan sòisealta agus rug i dithis duine-cloinne dha. Dhealaich iad agus chaidh e thall thairis.[2] Phòs e a-rithist, an turas sin aig Soledad Román Polanco, à Cartagena de Indias. B’ e boireannaich gu math ainmeil a bh’ annta, agus bha Román Polanco gu math cumhachdail.[3] Thug na sgrìobh Spencer buaidh mhòr airsan.

Rafael Núñez Moledo
Ceann-suidhe Choloimbia

1 dhen Ghiblean 1886 - 18 dhen t-Sultain 1894
← no value - Miguel Antonio Caro Tovar
Beatha
Ainm slàn Rafael Wenceslao Núñez Moledo
Breith Cartagena de Indias, 28 dhen t-Sultain 1825
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Cartagena de Indias, 18 dhen t-Sultain 1894
Nàdar a’ bhàis  (stròc)
Teaghlach
Cèile Soledad Román de Núñez (en) Translate
Foghlam
Foghlam University of Cartagena (en) Translate
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, sgrìobhadair, neach-lagha, neach-naidheachd, britheamh agus dioplomat
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Nàiseanta Choloimbia
Strì Cogadh nan Àrdanach
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

Bha e na cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte Choloimbia dà thuras, bho 8 an Giblean 1880 gu ruige 1 an Giblean 1882 agus an uair sin bho 11 an Lùnastal 1884 gu ruige 1 an Giblean 1886, nuair a bha co-labhairt reachdail ann, a dh' atharraich cruth na stàite. B' e an feallsanachd phoileataigeach aigesan a bha air cùl gnothaich.[4] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar  4 an Giblean  1887 agus 7 an Lùnastal 1892, agus an uair sin bho 29 an t-Sultain 1886  gus a chaochail e ann an 1894. Leig e dìleab mòr an dà chuid do Choloimbia agus tha aodainn a’ nochdadh air an airgead an siud.

Iomraidhean

deasaich
  1. Presidencia de Colombia
  2. Banrepcultural
  3. Lemaitre, Daniel (1988). «Prólogo». Soledad Román de Núñez: Recuerdos (3 edición). Bogotá: Canal Ramírez Antares.
  4. Jorge Orlando Melo