Paul Roux
Paul Roux | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Afraga a Deas |
Ceàrn | Vrystaat/Foreistata |
Sgìre | Thabo Mofutsanyane |
Co-chomharran | 28° 18′ 60″ Deas 27° 57′ 00″ Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 6.6 km² |
Àireamh-shluaigh | 6,152 (2001) |
Dlùths | 932.12/km² |
Àireamh fòn | 058 |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Welkom, ann an cridhe Afraga a Deas a th’ ann am Paul Roux. Tha e suidhichte aig 1,538m os cionn ìre na mara,[1] ann am meadhan na roinne Saor stàit (Afrikaans: Vrystaat, Sotho: Foreistata), anns an sgìre Thabo Mofutsanyane, eadar Senekal agus Bethlehem. Tha e 234km air falbh bho Johannesburg agus 289km bho Phretoria, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 6,152 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[3] agus 's e Afrikaans a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Paul Roux. Chaidh am baile seo a stèidheachadh ann an 1909 le ministear às Na Tìrean Ìsle air an robh Paul Roux.