[go: up one dir, main page]

Palencia
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Palencia
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 8,052 km²
Àireamh-shluaigh 171,668 (2014)
Dlùths 21.32/km²
Àireamh fòn + (979)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann am Palencia (IPA: paˈlenθja). Tha e na laighe ann an Castilla y León, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Palencia a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla y León i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Palencia fad 8,052km²[3] agus tha 171,668 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 29mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an treas roinn as lugha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Burgos, Cantàbria, León agus Valladolid.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

deasaich

Tha e coltach gur ann à Pallantia ann an seann Cheiltis a tha an t-ainm, bho pl̥s-n̥t-y-eh2 a tha a' ciallachadh clach no làn (Innd-Eòrpais: *pl̥s-eh2 Farsi: parša, Gearmailtis: fels, Gaeilge: all, Asturianis: palla, gailisis: pala)[6] 'S e an t-seann iar-leasachan Ceilteach -nt a tha aig an deireadh. Bheireadh an t-ainm seo Meall Àrd sa Ghàidhlig an latha na-diugh. Thathar dhen bheachd gur e ainm Ceilteach air sàilleabh gu bheil P ga chumail aig toiseach an fhacail mar Chuimris agus tha an N air fhuaimreagachadh: /*n̥/. Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Pal (loch, abhainn no gleann) agus Antia (farsaing).

Cruinn-eòlas

deasaich

Tha ceithir iadhtagan ann a bhuineas do Phalencia ann an ceann a tuath na roinneː Berzosilla agus Villodrigo (ann am Burgos), agus Cezura is Lastrilla (ann an Cantàbria).[7] 'S e adhbharan laghail agus poileataigeach a tha as coireach gu bheil iad nan àiteachan fa leth. Chan eil ach glè bheag de dhaoine a' fuireach annta.

Iomraidhean

deasaich
  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Celtiberia
  7. ABC