[go: up one dir, main page]

B' e matamataigear às na Stàitean Aonaichte a bha an sàs ann am prògram fànas NASA a bha ann an Katherine Johnson.

Katherine Johnson
Beatha
Ainm slàn Creola Katherine Coleman
Breith White Sulphur Springs (en) Translate, 26 dhen Lùnastal 1918
Dùthaich  Na Stàitean Aonaichte
Cinneadh Aimeireaganaich Afragach
Bàs Newport News, 24 dhen Ghearran 2020
Àite-adhlacaidh Hampton Memorial Gardens (en) Translate
Foghlam
Foghlam West Virginia State University (en) Translate
(1933 - 1937) : matamataig, Fraingis
West Virginia University (en) Translate
(1939 - 1940)
Cànain Beurla
Fraingis
Luchd-teagaisg William Claytor (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd neach-saidheans coimpiutaireachd, fiosaigiche, military flight engineer (en) Translate, matamataigear agus neach-teagaisg
Fastaichean National Advisory Committee for Aeronautics (en) Translate  (1953 -  1958)
NASA  (1958 -  1986)
Duaisean a fhuaras
Buaidh Angie Turner King (en) Translate, Dorothy Vaughan (en) Translate agus William Claytor (en) Translate
Ballrachd Alpha Kappa Alpha (en) Translate
IMDb nm7394341

Rugadh i ann an White Sulphur Springs, baile beag faisg air Charleston, Virginia an Iar, ann an 1918. Bha i na h-oileanach aig Colaiste Stàite Virginia an Iar air sgàth 's gun do dh'imrich a pàrantan o Shiorrachd Ghreenbrier, far nach robh foghlam airson Ameireaganach Afraganach as dèidh aois 12. Dh'obair i mar thidsear agus mar bhean-taighe mus do thoisich i aig Ionad Rannsachaidh Langley mar mhatamataigear. Aig an àm sin, bha an t-ionad sgarta le goireasan eadar-dhealaichte airson daoine dubha gu ruige 1958 nuair a chaidh an t-ionad pàirt de NASA.

Bha i an sàs anns a' chiad reul-chuairt le John Glenn ann an 1962, ann an landadh air a' Ghealaich ann an 1969 agus cuideachd anns an turas Apollo 13 is dh'obair i air an spàl-fànais. Leig i a dreuchd dhi ann an 1986 is chaochail i 24 Gearran 2020.[1]

Urraman

deasaich

Bhuannaich i am Bonn Saorsa a' Chinn-suidhe ann an 2015 agus thug Oilthigh Stàite Virginia an Iar dhi urras le sgoilearachas. Riochdaich Taraji P. Henson anns an fhilm Hidden Figures (2016, 'Figearan Falaichte') i.[1] Chaidh an Katherine Johnson IV&V Facility, a tha a' dearbhadh bathair-bog airson iteil anns an fhànais, ainmicheadh oirre.[2]

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 Johnson, Nigel: “Katherine Johnson obituary”, The Guardian. 24mh dhen Ghearran 2020. Air a thogail 25mh dhen Ghearran 2020. 
  2. IV&V Facility Renaming”. NASA. Air a thogail 23mh dhen Ghearran 2020.