El Aaiún
El-Aaiún العيون | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Sathara an Iar |
Sgìre | El Aaiún-Bojador-Saguia el Hamra |
Co-chomharran | 27° 50 13' Tuath 13° 12 12' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 196,331 (2010) |
'S e am baile as motha ann an Sathara an Iar a tha ann an El-Aaiún, Arabais: لعيون, al-`ayūn, ainm eile: Laâyoune. Tha an t-ainm araibianach a’ ciallachadh: an t-earrach. Tha am baile suidhichte san earra-thuath na dùthcha. 'S e seo an co-chomharran aige: 27° 9’ 13" Tuath agus 13° 12’ 12" Iar [1]. Anns a’ bhliadhna 2006 bha 188,084 duine [2] a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin.
Tha am baile suidhichte faisg air a' Chuan Siar. Tha dà pàirt anns a' bhaile: an seann bhaile agus am baile ùr. Air an taobh tuath a' bhaile tha an Abhainn Saguia el Hamra (eadar-theangachadh: Abhainn dearg) a' ruith. Cha bhi an abhainn làn ach ma bhios an t-uisge ann. 'S e El Aaiun Hassan I an t-ainm air a' phort-adhair, tha e suidhichte deas air a' bhaile.
Tha El Aaiún 1,441km air falbh bho Dhakar (Senegal), 1,885km bho Algiers (Aildiria), 1,033km bho Nouakchott (Mauritania), 995km bho Rabat (Maroco), agus 318km bho Shanta Cruz (An Spàinn).[3] Bhon bhliadhna 1976 tha am baile fo smachd Mharoco.[4]
Bailtean Co-cheangailte
deasaich- Almería
- Avilés
- Caracas
- Lorca
- Málaga
- Montevideo
- Sorrento
Dealbhan
deasaich-
El Aaiún air bruach an Abhainn Saguia el Hamra
-
Suideachadh El Aaiún
Iomraidhean
deasaich- ↑ earth info
- ↑ World-gazetteer
- ↑ Distance Calculator
- ↑ UN General Assembly Resolution 34/37 and UN General Assembly Resolution 35/19
Ceanglaichean A-mach
deasaichAbuja • Accra • Addis Ababa • Algiers • Antananarivo • Asmara • Bamako • Bangui • Banjul • Bissau • Brazzaville • Bujumbura • Cairo • Conakry • Cotonou • Djibouti • Dakar • Diuba • Dodoma • El Aaiún • Freetown • Gaborone • Harare • Kampala • Khartoum • Kigali • Kinshasa • Libreville • Lilongwe • Lomé • Luanda • Lusaka • Malabo • Maputo • Maseru • Mbabane • Mogadishu • Monrovia • Moroni • Nairobi • N'Djamena • Niamey • Nouakchott • Ouagadougou • • Port Louis • Porto Novo • Praia • Pretoria • Rabat • São Tomé • Tripoli • Tunis • Victoria • Windhoek • Yamoussoukro • Yaoundé