[go: up one dir, main page]

Jump to content

Lachlann MacGuaire

O Uicipeid
Lachlann MacGuaire
5. Riaghlair New South Wales

1 dhen Fhaoilleach 1810 - 30 dhen t-Samhain 1821
William Bligh (mul) Translate - Thomas Brisbane
Beatha
Breith Ulbha, 31 dhen Fhaoilleach 1762
Dùthaich  Alba
Bàs Lunnainn, 1 dhen Iuchar 1824
Àite-adhlacaidh Muile
Teaghlach
Athair Lachlan Macquarrie of Ormaig
Màthair Margaret Maclaine
Cèile Jane Jarvis (en) Translate
Elizabeth Macquarie (en) Translate  (3 dhen t-Samhain 1807 -  unknown value)
Clann
Foghlam
Foghlam An Àrd-sgoil Rìoghail
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd taisgealaiche agus neach-poileataigs
Duaisean a fhuaras
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Bhreatainn
Ìre oifigeach coitcheann
Strì Rèabhlaid Ameireaganach

'S e oifigear airm agus rianaire tìr-imrich Breatannach a bha ann an Lachlann MacGuaire (Lachlan Macquarie, 31 am Faoilleach 17621 an t-Iuchar 1824). Bha e na Riaghladair New South Wales 1809 - 1821, agus bha e cudromach airson Astràilia atharrachadh bho thìr-imrich peanasach ann an dùthaich shaor.

Rugadh e ann an Ulbha ri taobh Muile agus chaidh fhoghlam ann an Dùn Èideann. An dèidh dha seirbheis a dhèanamh ann an Aimearaga a Tuath, na h-Innseachan agus an Èipheit, chaidh e na Riaghladair New South Wales, agus ann an 1813 chaidh a dhèanamh màidsear-seanailear.

Nuair a bha e na riaghladair, bha e a' togail gearastan mar bu chòir an àite bothain airson nan ciomaich, rathaidean, cidheachan, ospadalan agus togalaichean eile. Bha e a' brosnachadh leasachadh àiteachas tuathanachais cuideachd. 'S dòcha nas cudromaiche, ge-tà, bha e a' leigeil leis na ciomaich na bha as dèidh nam breithean aca oifisean poblach fhaighinn, agus bha e a' dèilig riutha mar daoine co-ionnan.

Bha Lachlann MacGuaire fìor chudromach don leasachadh na dùthcha, agus thathar a' canar ris "Athair Astràilia"[1]. Chaochail e ann an Lunnainn agus bha e air a thìodhlacadh ann am Muile. Tha Urras Nàiseanta Astràilia a' gleidheadh an uaigh aige.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Tom Steel, Scotland's Story, HarperCollins, 1994