[go: up one dir, main page]

Jump to content

La Jolla

O Uicipeid
La Jolla
Suidheachadh
Dùthaich Na Stàitean Aonaichte
Ceàrn San Diego
Sgìre Calafòrnia
Co-chomharran 32° 50 24' Tuath
117° 16 37′ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 42,808 (2004)
Àireamh fòn +1 (858)
Duilleag oifigeil http://www.LaJollaByTheSea.com

‘S e baile beairteach agus port air an àirde an iar Nan Stàitean Aonaichte a th’ ann an La Jolla. Thathar dhen bheachd gur ann às an Spàinntis La Joya (Gàidhlig: An Seud) neo am facal Tùsanach Mat Kulaaxuuy (Gàidhlig: Na Tollan) a th’ ann ainm a’ bhaile. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann am 1850. Tha e suidhichte ri taobh a’ Chuain Sheimh, anns an stàit Calafòrnia, air iomall Shan Diego. Tha am baile 3,657km air falbh bho Washington, D.C. (Prìomh-bhaile na dùthcha), 161km bho Los Angeles, 2,786km bho Chicago agus 2,516km bho St. Louis.[1] Tha 42,808 duine a' fuireach anns a’ bhaile. Chaidh Oilthigh UCSD a stèidheachadh an seo ann an 1960.[2] A bharrachd air sin, tha prìsean nan taighean as àirde ann an La Jolla na ann an àite eile sam bith anns Na Stàitean Aonaichte, leis cho beairteach ‘s a tha muinntir a’ bhaile. Chaochail an Ceimigear Harold Clayton Urey an seo ann an 1981.

Gràin air Iùdhaich

[deasaich | deasaich an tùs]

Cheannaich William H. Black 248 acair de dh'fhearann ann an La Jolla ann an 1948 agus cha do reic e no ceannaichean-seilbhe fearann airson taighean a thogail ri Iùdhaich ged a bha seo mì-laghail o 1948. Rinn Roger Revelle, fear de na stèidheadairean UCSD, iomairt an aghaidh sin agus bha roghainn fo chomhair nan ceannaichean-seilbhe: an do dh'iarr iad oilthigh ann an La Jolla no cùmhnant an aghaidh nan Iùdhach? Chaidh an t-oilthigh a stèidheachadh agus a-nise tha daoine Iùdhach ann agus sionagogan cuideachd.[3]

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Distance Calculator
  2. UCSD
  3. A Look Back At the Past of Housing Discrimination in La Jolla”. Baile La Jolla. Air a thogail 4mh dhen Dàmhair 2023.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]