[go: up one dir, main page]

Jump to content

Funafuti

O Uicipeid
Suidheachadh Fongafale anns an atol Funafuti

'S e prìomh-bhaile Thubhalu a tha ann am Funafuti. Tha e suidhichte air atolan beaga eadar 20 ‘s 400 meatair air leud, a tha nan laighe timcheall air lagonn le 18 cilemeatair a dh’ fhad agus 14 cilemeatair air leud. Tha an lagonn cho mòr ri 275 cilemeatair ceàrnagach, ach chan eil am baile ach 2.4 cilemeatair ceàrnagach gu lèir. 'S e Fongafale an t-eilean as motha a tha ann am Funafuti. 'S e Vaiaku an t-ainm a tha air aon de na ceithir bailtean a tha air an eilean seo. Tha an riaghaltas suidhichte ann am Vaiaku. Ach gu oifigeil canar gur e Funafuti gu lèir na phrìomh-bhaile.

'S e seo an co-chomharran aige: 8° 31’ Deas agus 179° 13’ Ear

Anns a’ bhliadhna 2002 bha 4,492 duine a’ fuireach an seo.

Ceangal a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]
Cladach ann am Funafuti