Fredonia
Fredonia
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Antioquia | ||||
Sgìre | Ear-dheas | ||||
Àirde | 1800m | ||||
Co-chomharran | 05° 55' 00' Tuath 75° 40' 00' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 274 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 22,692 (2005) | ||||
Dlùths | 82.82/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile beag agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) faisg air Amagá ann an Antioquia, Coloimbia,[1] a th’ ann an Fredonia (IPA: fɾeˈðonja). Tha e suidhichte aig 1,800m os cionn ìre na mara agus 58km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd mheadhanach dhe 19.5˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1790.
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Tha 8,608 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 22,692 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. ‘S e pàtran-sluaigh gu math neo-àbhaisteach a tha seo. Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid nan daoine ann an Fredonia, ach tha 0.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga ann. 'S urrainn do 84.1% dhuibh leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 46.5% nan dachaigh.[5]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Fredonia. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Climate Data
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag-fiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia