Buchach
Бучач Buchach
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Ternopilska Oblast | ||||
Sgìre | Chortkiviy Raion | ||||
Co-chomharran | 49° 04’ Tuath 25° 23′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 9.98 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 12,000 (2024) | ||||
Dlùths | 1,202.4/km² | ||||
Àireamh fòn | +380 3541 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile beag air an àirde an iar na h-Ucràine[1] a th’ann Бучач neo Buchach (Gearmailtis: Butschatsch, Pòlais: Buczacz, Turcais: Bucaş, Eabhra: בוצ'אץ'). Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1260. Tha e suidhichte anns an sgìre Buchach fhèin, anns an roinn (Ucràinis: Oblast) Ternopil, eadar Monastyrys’ka agus Dzhuryn, ri taobh na h-Aibhne Strypa. [2] Tha am baile fhèin aig 367m os cionn ìre na mara[3] 149 bho Horodok, 493km air falbh bho Odesa agus 397km bho Kyiv prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Tha 12,551 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[5]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an 1991, thàinig Buchach gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Shmuel Yosef Agnon: (1888 – 1966) Sgrìobhadair a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1957.
- Simon Wiesenthal: (1908 – 2005) Sgrìobhadair.
- Mykola Bevz: (1954) Neach-saidheans.
Eòlas-sluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann am Buchach a' bruidhinn (99.29%).[6]