[go: up one dir, main page]

Jump to content

León

O Uicipeid
The printable version is no longer supported and may have rendering errors. Please update your browser bookmarks and please use the default browser print function instead.
León
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn León
Sgìre Castilla y León
Co-chomharran 42° 21' 22' Tuath
03° 37' 17' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 39.03 km²
Àireamh-shluaigh 127,817 (2009)
Dlùths 3,274.84/km²
Àireamh fòn + 34 987
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

’S e baile mòr faisg air Ponferrada air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann an León (IPA: leˈon). Tha e suidhichte aig 837m os cionn ìre na mara,[1] 330km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 785km bho Bharcelona.[2] Tha 127,817 daoine a’ fuireach ann an León.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne León a th’ann cuideachd.

Freumhan an ainm

Tha e coltach gur ann à Legio ann an Laideann a tha an t-ainm - tha lucas a' ciallachadh Lèigiun.[4] Bha gearastan an VI Lèigiun an seo o chion fhada. Fad nan linntean dh' atharraicheadh sin mar a leanas: Legio → Leionem → Leio → León/Llión.[5]

Eachdraidh

B' e na Ròmanaich a stèidhich am baile mar ghearastan ann an 29 RC, nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach. Dh'ainmeachadh prìomh'bhaile na Rìoghachd León ann an 911. Bha rol gu math cudromach aige ann an cruthachadh na Spàinne fad na meadhan aoisean. Dh'aonachadh an Rìoghachd ri Castilla ann an 1230.[6] Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[8]

Cruinn-eòlas

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an León.[9] Cha tuit ach 515mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 551mm nas lugha na Steòrnabhagh - leis gur e àite àrd tioram a th' ann.

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Aemet
  2. Distance Calculator
  3. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  4. A Xunta
  5. La Crónica 16 de León, (1997). Historia de León, Prehistoria-Edad Antigua-Edad Media I, 84-920557-7-4.
  6. History Files
  7. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  8. Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
  9. Aemet
  10. Diario de León

Ceanglaichean A-mach